'Bacaidhean' ro obair Bhunait Linda Norgrove an Afganastan

- Air fhoillseachadh
Dh'iarr buidheann chathrannais, ann an ainm tè à Leòdhas a chaidh a mharbhadh ann an Afganastan, air riaghaltasan dùthchannan an t-saoghail gun a bhith a' dèiligeadh ris na Taliban mar cheannarcaich.
Chaidh Linda Norgrove a thoirt am bruid le luchd-sabaid le ceangal ris na Taliban ann an 2010, agus chaidh a marbhadh fhad 's a bha feachdan Aimeireaganach a' feuchainn ri cobhair a dhèanamh oirre.
Tha na Taliban air a bhith a' riaghladh Afganastan às ùr bho 2021.
Tha Bunait Linda Norgrove ri obair chathrannais ann an Afganastan fhathast, ach tha iad ag ràdh gu bheil sin air a dhèanamh gu math doirbh ri linn nan smachd-bhannan a tha an sàs an aghaidh nan Taliban.
A rèir athair Linda, John Norgrove, tha iad sin a' fàgail bhancaichean gu math leisg a bhith a' cur taic ri obair sam bith an sin.
Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gun robh iad an sàs gu mòr ann an obair taic ann an Afganastan, agus gum bi fhathast.
Thuirt iad cuideachd gu bheil Breatainn air £151m a chur an lùib phròiseactan cobhair an-dràsta, a' toirt seachad seirbheisean deatamach sàbhaladh beatha don na daoine as so-leòinte ann an Afganastan, gu h-àraid boireannaich agus nighnean.