Clann an Sgoil-Àraich an Ìochdair "toilichte agus misneachail"

Làmh pàiste a' cluich le blocaichean togailTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Rinn aithisg Buidheann-Sgrùdaidh a' Chùraim moladh mòr air mar a thathar a' coimhead às dèidh na cloinne an Sgoil-Àraich an Ìochdair agus na cothroman a th' aca airson cluiche agus ionnsachaidh.

Chaidh luchd-sgrùdaidh dhan ghoireas an Uibhist a Deas gun rabhadh a thoirt seachad ro làimhe sa Chèitean.

Fhuair iad gun robh a' chlann "toilichte, misneachail agus seatlaigte" agus gun robh "neartan mòra" sa chùram a bha iad a' faighinn a bha "gu buannachd" na cloinne.

Bha a' phàirt seo den t-seirbheis air a meas leotha mar "glè mhath", neo '5' air an t-slat-tomhais aca a tha a' dol bho '1', nach eil math gu leòr, agus '6' a tha fìor mhath.

Thuirt an aithisg gu bheil ceannas agus luchd-obrach na Sgoile-Àraich cuideachd "glè mhath".

Bha na goireasan agus an làrach fhèin "math" am beachd an luchd-sgrùdaidh.

Tha a' chlann air an oideachadh sa Ghàidhlig sa Sgoil-Àraich, a tha suidhichte an Sgoil an Ìochdair.

Tha i air a ruith le Comhairle nan Eilean Siar agus tha rùm gu leòr innte airson foghlam tràth-bhliadhnaichean a thoirt do 16 duine cloinne mus tèid iad dhan bhun-sgoil.