Dragh air gnothachasan beaga air thoiseach air buidseat na h-Alba
- Air fhoillseachadh
'S e fear de na prìomh amasan aig Riaghaltas na h-Alba airson a' bhuidseit a dh'fhoillsicheas iad Diciadain fàs a thoirt air an eaconamaidh.
Ach tha na gnothachasan beaga a bhios air leth cudromach san amas sin iomagaineach mu na dh'fhaodadh Shona Robison ainmeachadh.
Tha ceist ann mu chìsean gnothachais ag èirigh agus na thèid ainmeachadh mu thaic a bharrachd a bhios gnothachasan beaga a' faighinn.
"Chan eil mi a' faireachdainn math. Tha dragh orm," thuirt Denise Collins aig a bheil bùth ann an Inbhir Nis.
"Chan eil a h-uile rud math ann am meadhan a' bhaile an-dràsta. Chan eil tòrr luchd-ceannaich mun cuairt, agus tha na figearan airson na Samhna a' dol sìos.
"Tha mi an dòchas nach cuir iad suas nan cìsean gnothachais.
"Agus tha mi an dòchas gun cùm iad Bònas nan Gnothachasan Beaga. Tha e math airson tòrr bhùithdean beaga neo-eisimeileach ann am meadhan a' bhaile.
"Mura bi sin ann 's dòcha nach biodh aigead gu leòr ann airson rèataichean neo-dhachaigheil a phàigheadh.
"Chan eil marghan prothaid math ann am bùithdean beaga, agus tha tòrr bhùithdean beaga neo-eisimeileach ann an Inbhir Nis," thuirt i.