Piseach a dhìth air saoghal na pìobaireachd do bhoireannaich

Làmhan pìobaire boireannTùs an deilbh, Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd
  • Air fhoillseachadh

Dh'fhiosraich còrr agus an dàrna leth de bhoireannaich ann an saoghal na pìobaireachd agus drumaireachd dìmeas air sgàth an gnè, a rèir sgrùdaidh ùir.

Tha Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd air buil an rannsachaidh air àite nam ban sa choimhearsnachd fhoillseachadh.

Bha iad airson faighinn a-mach dè am beachd aig pìobairean agus drumairean boireann agus dè na cnapan-starra a bha mun coinneamh.

Thòisich dà iomairt ùr ann an saoghal na pìobaireachd is drumaireachd a tha ag amas air co-ionannachd, iomadachd agus in-ghabhaltas a chur air adhart agus coimhearsnachd nas sàbhailte a chruthachadh far am bi fàilte ron a h-uile duine.

Tùs an deilbh, Getty Images

Chaidh measadh a dhèanamh air mu 300 freagairt agus chaidh seachd prìomh cuspairean a chomharrachadh:

  • dìth bhoireannach an sàs am pìobaireachd is drumaireachd

  • dìth cho-chomainn do bhoireannaich

  • àrainneachd obrach far a bheil tric làmh an uachdair aig fir

  • dìth cheasnachaidh air casaidean gnèitheachais

  • deoch làidir ag adhbharachadh shuidheachaidhean mi-chomhfhurtail

  • rinneadh adhartas

  • cha robh trioblaidean ann - thuirt cuid nach do dh'fhiosraich iad càil dona

A rèir an dàta bha:

  • 52% a dh'fhuiling gnèitheacheas

  • 52% a dh'fhàg saoghal na pìobaireachd is drumaireachd air sgàth an gnè

  • 26% a thuirt gun do dh'fheuch ball nas sine no aig ìre àrd sa choimhearsnachd ri brath a ghabhail orra air sgàth gun robh iad nam boireannaich

  • 24% a dh'aontaich gun do dh'fhuiling iad dol a-mach mì-iomchaidh aig cuirmean pìobaireachd is drumaireachd

'tha sinn air ur cluinntinn'

"Chan eil na fhuair an sgrùdadh na iongnadh dhomh," thuirt am pìobaire Ailis Sutherland, "leis gun robh mi an sàs sa choimhearsnachd mar nighean agus boireannach òg.

"Tha saoghal na pìobaireachd is drumaireachd coltach ris a' choimhearsnachd san fharsaingeachd an Alba. Nuair a tha nas lugha de bhoireannaich ann feumaidh sinn dèiligeadh ris an aon seòrsa dol a-mach dùbhlanach agus siostaman agus a tha mar coinneamh bho là gu là san t-saoghal mhòr."

B' e adhbhar toileachais dhi, thuirt i, fhaichinn mar a thàinig atharrachadh air cùisean.

Tha dà iomairt ùr ann, The Maket Collective, taobh a-muigh agus The Stand Project, taobh a-muigh, aig amas air co-ionannachd do phìobairean agus drumairean boireann.

Thuirt Eilidh Urchadan, Ceannard Thachartasan aig Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd: "Fhuair boireannaich a tha ri pìobaireachd agus drumaireachd èisteachd leis an sgrùdadh seo. Tha sinn air ur cluinntinn.

"Chan eil ann ach toiseach tòiseachaidh a tha seo air ro-innleachd fhad-ùineach airson dèanamh cinnteach gum bi co-ionannachd, iomadachd agus àite dhan a h-uile duine ann an saoghal na pìobaireachd agus drumaireachd an Alba."

Faodar an aithisg a leughadh air an làraich-lìn seo, taobh a-muigh.