Buill Holyrood gus bhòtadh air Bile nan Cànanan Albannach

- Air fhoillseachadh
Bhòtaidh buill Pàrlamaid na h-Alba air Bile nan Cànanan Albannach feasgar is e air an ìre mu dheireadh aig Holyrood a ruighinn.
Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis, gu bheil i misneachail gun cuir am bile ri fàs na Gàidhlig is Albais ma thèid e troimhe.
Chaidh am bile a thoirt air adhart bho thùs, taobh a-muigh san t-Samhain 2023 le Rùnaire an Fhoghlaim, Jenny Gilruth.
Am measg nam prìomh mholaidhean bha inbhe oifigeil dhan Ghàidhlig agus Albais, Sgìrean Cànain Sònraichte a stèidheachadh, dleastanas a chur air Riaghaltas na h-Alba Ro-innleachd Nàiseanta Gàidhlig a stèidheachadh a rachadh an àite Phlanaichean Nàiseanta, is uallach a chur air an Riaghaltas gus FtMG a leasachadh.
Chan eil slighe a' bhile tron Phàrlamaid gu seo air a bhith gun chonnspaid.
Ged a chaidh fàilte air cuid de na molaidhean, thog luchd-iomairt dragh am measg eile nach robh còir air foghlam Gàidhlig na chois, nach robh gealltanasan ann air tuilleadh maoineachaidh, is mì-chinnt mu dè dìreach a bhiodh an còis phàirtean eile dheth, na sgìrean cànain sònraichte gu h-àraid.
Ann an aithisg as t-Samhradh 2024 is iad a' sgrùdadh a' bhile, thuirt Comataidh an Fhoghlaim gun robh a' Ghàidhlig ann an "suidheachadh cunnartach" is nach robh am bile mar a bha e a' dol fada gu leòr airson dèiligeadh ris na dùbhlain a th' ann.
- Air fhoillseachadh30 An t-Samhain 2023
- Air fhoillseachadh31 Am Màrt
- Air fhoillseachadh1 An Cèitean 2024
Nochd am beachd sin a-rithist nuair a chaidh am bile a dheasbad aig a' chiad ìre.
Ged a chuir buill taic ris air a' cheann thall, chaidh draghan a nochdadh nach toireadh am bile buaidh ro mhòr air suidheachadh na Gàidhlig is fiù 's gun robh feum air "obair-lannsa raidigeach" a dhèanamh air.
Thuirt Ceit Fhoirbeis fhèin gun robh Riaghaltas na h-Alba 'son "obrachadh thar-phàrtaidh gus am bile a neartachadh aig an dàrna ìre agus dèanamh cinnteach gum bi Gàidhlig agus Albais air am bruidhinn anns na sgìrean traidiseanta aca, agus aig an aon àm a' cur ri fàs a tha sinn a' faicinn ann an sgìrean eile air feadh na dùthcha".
Tòmas MacAilpein bho Mhisneachd a' bruidhinn air Aithris na Maidne air thoiseach air an deasbad Dimàirt
Mar thoradh air sin chaidh cha mhòr 100 atharrachadh a chur air adhart aig an dàrna ìre.
Am measg atharrachaidhean a chaidh troimhe, bha fear à Ceit Fhoirbeis fhèin a bheireadh cumhachd do Riaghaltas na h-Alba innse do dh'ùghdarrasan foghlaim sgoile Gàidhlig a stèidheachadh, ma 's e is gun robh iad air measadh a dhèanamh gu bheil iarrtas is comas ann ach nach deach sgoil a chur air dòigh.
Bha cuideachd taic thar-phàrtaidh ann 'son inbhe Shabhal Mòr Ostaig àrdachadh is comas a thoirt dhan cholaiste ceuman a thoirt seachad.
Chaidh sreath fada eile de dh'atharrachaidhean a chur air adhart air thoiseach air an deasbad aig an treas ìre an-diugh.
- Air fhoillseachadh24 An t-Iuchar 2024
- Air fhoillseachadh17 An t-Sultain 2024
- Air fhoillseachadh11 An Dùbhlachd 2024
Tha am BPA Làbarach Pam Duncan-Glancy air iarraidh gum feum sgìre a bhith air a comharrachadh mar sgìre chànain shònraichte ma tha "àireamh nach beag" de dhaoine ann le sgilean sa Ghàidhlig.
Bha am bile mar-thà air 20% den t-sluagh a chomharrachadh airson "àireamh nach beag" a choileanadh.
Tha gluasadan eile bho Pam Duncan-Glancy gum feum ùghdarras ionadail pàirt den sgìre aca no an sgìre air fad a chomharrachadh mar sgìre chànain shònraichte ma tha e a' tighinn fo na slatan-tomhais sa bhile, agus gum feumadh oifigear leasachaidh a bhith ann airson gach sgìre cànain.
Tha fear-naidheachd poilitigeach BBC Naidheachdan, Niall O'Gallagher, a' tuigsinn aig an ìre seo gun cuir Riaghaltas na h-Alba an aghaidh nan atharrachaidhean seo.
Tha am BPA Uaineach Ross Greer airson dleastanas a chur air ùghdarras ionadail gus Plana Gàidhlig Coimhearsnachd ullachadh airson gach sgìre chànain.
Thèid na h-atharrachaidhean ùra uile a dheasbad aig Holyrood feasgar an-diugh mus bhòt buill air a' bhile.
Tha Ceit Fhoirbeis ag ràdh gun neartaicheadh am bile còraichean phàrantan gus sgoil Ghàidhlig fhaighinn san sgìre aca, gun rachadh barrachd theisteanasan sa Ghàidhlig a chruthachadh, is targaidean air cia mheud neach a tha a' bruidhinn is ag ionnsachadh na Gàidhlig.
Bidh BBC Naidheachdan a' leantainn ghnothaichean beò air-loidhne bho 1:45f le dùil gun tòisich an deasbad fhèin uaireigin às dèidh 3:00f.