Ròin dubha air crìonadh gu mòr air costa an iar na h-Alba

Tha na h-uimhir de bheachdan ann a thaobh dè th' air cùlaibh a' chrìonaidh
- Air fhoillseachadh
Thàinig lùghdachadh mòr air na tha de ròin dubha, no ròin chala, air taobh siar na h-Alba airson a' chiad uair ann an deugachadh bhliadhnaichean.
Thuit an àireamh a th' ann dhiubh 20% eadar 2018 agus 2023, ann an sgìre a bhathas a' coimhead mar an daingeann mu dheireadh aca san Rìoghachd Aonaichte.
Thuirt eòlaichean glèidhteachais gur e "adhbhar dùsgaidh" a bh' anns an rannsachadh, a rinneadh le Oilthigh Chille Rìmhinn.
Thàinig crìonadh mòr thairis air ùine fhada air na tha de ròin dubha san Rìoghachd Aonaichte bho na ciad bhliadhnaichean den linn seo, ach a-mhàin air costa an iar na h-Alba.
Thuirt an Dr Debbie Russell, a tha na h-àrd-eic-eòlaiche ròin aig Aonad Rannsachaidh Mhamailean Mara (SMRU) Oilthigh Chille Rìmhinn, gu bheil na figearan nan "clach-mhìle dhraghail" a thaobh na tha an dàn do na ròin seo ann an uisgeachan Bhreatainn.
"'S e adhbhar dùsgaidh dha-rìribh a th' ann an seo. O chionn bhliadhnaichean bha sinn a' coimhead air costa an iar na h-Alba mar thèarmann do na ròin dubha, àite san robh a h-uile coltas gun robh iad a' soirbheachadh," thuirt i.
"Tha a bhith a' faicinn crìonaidh san sgìre seo a-niste a' sealltainn gu bheil an t-uallach a th' air na beathaichean seo a' fàs nas fharsainne no nas miosa."

Thàinig lùghdachadh 20% air na th' ann de ròin dubha thairis air còig bliadhna air a' chosta an iar, far an robhas an dùil gun robh iad a' soirbheachadh
Tha 65% de na tha de ròin dubha na Rìoghachcd Aonaichte air fad a' fuireach air costa an iar na h-Alba.
Tha rannsachadh a' leantainn feuch dè th' air cùlaibh a' chrìonaidh a th' air tighinn orra, agus co-dhiù an e galar, atharrachaidhean àrainneachdail, no gainnead bìdh as adhbhar dha.
Tha gach cuid ròin dubha agus ròin ghlasa dùthchasach do dh'Alba, ach tha ròin ghlasa nas motha agus nas làidire.
Tha beachd aig cuid ri linn sin gu bheil na ròin ghlasa air ròin dubha a phutadh a-mach às na sgìrean traidiseanta aca, 's gu bheil iad a' tighinn air tràighean far a bheil iad ann an cunnart.
Dh'iarr stiùiriche an SMRU, an Dr Carol Sparling, gun tèid ceumannan sònraichte glèidhteachais a ghabhail mu choinneimh na fhuair an rannsachadh.