Ceithir sgoiltean an Leòdhas gan deasbad le CnES

- Air fhoillseachadh
Beachdaichidh comhairlichean anns na h-Eileanan Siar Dimàirt air ceithir sgoiltean ann an Leòdhas a tha dùinte no pàirt-dhùinte.
Feumaidh a' Chomhairle beachdachadh air suidheachadh nan sgoiltean às ùr gach bliadhna.
Den cheithir, tha dhà air a bhith dùinte le cho beag 's a bha an àireamh de sgoilearan annta - mothballed, mar a chanar ris.
Chaidh Bun-Sgoil Tholastaidh a dhùnadh san Lùnastal 2019 agus Bun-Sgoil Bheàrnaraigh ann an 2021 an dèidh co-chomhairleachaidh.
Chan eil duine air tighinn air adhart le iarrtas clann a chur dha na sgoiltean sin, le clann a bha ann an sgìre Sgoil Tholastaidh gan cur gu Bun-Sgoil a' Bhac, agus clann Bheàrnaraigh a' dol gu Sgoil nan Loch ann an Liùrbost.
Thathas a' moladh coimhead ri proiseas co-chomhairleachaidh gus na sgoiltean sin a dhùnadh làn-ùine ro thoiseach 2025/26.
Roinnean
Tha sgoil eile le roinn a tha dùinte - Sgoil Bhreascleit aig nach eil roinn Bheurla - leis gu bheil a h-uile sgoilear ann am foghlam tro meadhan na Gàidhlig. Tha duil gum bi 26 sgoilear san sgoil sin an ath-bhliadhna.
Tha roinn na Gàidhlig ann am Bun-Sgoil na Pàirce air a bhith dùinte bho 2020 leis nach robh sgoilearan Gàidhlig ann.
Cha robh ach naoinear sgoilearan ann am Bun-Sgoil na Pàirce toiseach na bliadhna foghlaim seo, agus dh'fhàg dithis tron bhliadhna 's iad a-niste a' dol gu sgoil eile, a' fàgail seachdnar, le aonar a' dol dhan àrd-sgoil a-niste.
Tha dùil gum bi an sianar a th' air fhàgail fhathast san sgoil an ath-bhliadhna, ach gun tuit an àireamh gu dìreach ceathrar an ath-bhliadhna a-rithist.
Le roinn Gàidhlig na sgoile ga deasbad Dimàirt, bidh ceist ann cuideachd mun sgoil san fharsainneachd leis na h-àireamhan cho beag.
Chan eil a' Chomhairle aig an ìre seo a' coimhead ri Sgoil na Pàirce a dhùnadh ge-tà.
Tha dùil gun gluais a' Chomhairle gu pròiseas reachdail airson sgoiltean Tholastaidh agus Bheàrnaraigh a dhùnadh làn-ùine.