Fear fo chasaid muirt a' faireachdainn 'ìslichte' le a bhràthair-cèile
![John MacFhionghain](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/749/cpsprodpb/512f/live/51cc22e0-a697-11ef-9fc4-7d8bfd020b1a.png)
Tha bràthair-cèile John MhicFhionghain fo chasaid gun do mhuirt e e na dhachaigh ann an 2022
- Air fhoillseachadh
Dh'innis fear don chùis-lagha muirt na aghaidh gun do thòisich cùisean a bhith duilich dha nuair a thug a bhràthair-cèile ionnsaigh air.
Tha Fionnlagh Dòmhnallach fo chasaid gun do mhuirt e John MacFhionghain le bhith a' losgadh air le gunna na dhachaigh san Eilean Sgitheanach air an 10mh den Lùnastal 2022.
Thathar cuideachd a' fàgail air Mgr Dòmhnallach gun do rinn e oidhirp air triùir eile a mhurt air an aon là.
Chualas san Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann Dimàirt, gun deach Mgr Dòmhnallach fhàgail air a nàireachadh agus gun mhisneachd nuair a thug a bhràthair-cèile ionnsaigh air ann an 2013.
Tha e a' dol às àicheadh nan casaidean uile agus chuir e air adhart dìon sònraichte nach robh e aige fhèin aig an àm.
Chuala a' chùirt gun do dh'innis Mgr Dòmhnallach do lighiche-inntinn mar a thug Mgr MacFhionghain ionnsaigh air, agus gum b' fheudar athair a dhol an-sàs ann.
Chuala a' chùirt gun do dh'innis e do Dtr Suraj Shenoy: "B' e sin toiseach a h-uile càil a tha seo.
"Thachair rudeigin nam inntinn an là 'ud.
"'S ann nuair a thug John MacFhionghain ionnsaigh orm ann an 2013 a thòisich na trioblaidean agam."
Thuirt an lighiche-inntinn gun do dh'innis Mgr Dòmhnallach dha gun do dh'fheuch e ri Mgr MacFhionghain a sheachnadh.
Cho-dhùin Dtr Shenoy gun robh Mgr Dòmhnallach le autism agus a' fulang post traumatic stress disorder aig an àm a thathar ag ràdh a rinn e murt.
Thuirt e gun robh e le trom-inntinn, ana-chùram agus paranoia agus dependent personality disorder.
![Taigh John MhicFhionghain ann an Teanga](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/795/cpsprodpb/2baf/live/bd6aa490-a697-11ef-8ab9-9192db313061.png)
Na poilis aig taigh Mhgr MhicFhionghain air an là a thathar a' cumail a-mach gun deach a mhurt
Tha Mgr Dòmhnallach, 41, a' dol às àicheadh gun do mhuirt e Mgr MacFhionghain na dhachaigh ann an Teanga le bhith a' losgadh air le gunna-froise.
Tha e cuideachd a' dol às àicheadh gun do dh'fheuch i ri a bhean Rowena Dhòmhnallach, 34, a mhurt na dachaigh ann an Tarsgabhaig le bhith ga sàthadh grunn thursan le sgithinn.
Tha e cuideachd a' dol às àicheadh gun do rinn e oidhirp air an lighiche-chnàmh, John MacCoinnich agus a bhean Fay, a tha le chèile 65, a mhurt nan dachaigh san Dòrnaidh le bhith a' losgadh orra le gunna.
Thug Rowena Dhòmhnallach fianais seachdad sa chùis mar-tha, ag innse gun tug a cèile ionnsaigh oirre air beulaibh an cuid chloinne agus amharas air gun robh i a' falbh le cuideigin eile.
Chaidh a ceasnachadh leis an fhear-dìon Donald Findlay KC mu theachdaireachdan fòn-làimhe eadar i fhèin agus an ceannnard aice agus cia mheud a bha 'flirty'.
Ghabh a' Bh.Ph. Dhòmhnallach ris gun robh cuid dhiubh leannanach, ach thuirt i: "Bha sinn nar caraidean, nach eil cuid de na co-obraichean agaibh nan caraidean agaibh?"
Thuirt Mgr Findlay rithe gum faodadh fhàgail air ceannard gun robh iad ri sàrachadh feiseil nan cuireadh iad teachdaireachdan mar sin do luchd-obrach.
Chuala a' chùirt Dimàirt gun tuirt Mgr Dòmhnallach ri Dtr Sujay: "Bha mi a' crochadh air mo bhean airson a h-uile co-dhùnadh a dhèanamh aig an taigh, ach leig i sìos mi.
Thuirt Donald Findlay KC, am fear-lagha dìon aig Mgr Dòmnallach: "Tha a h-uile coltas gur e as motha a phiobraich e mar a thrèig a bhean e, mar a bha esan ga fhaicinn.
Thuirt an lighiche-inntinn: "Mar a bha esan ga fhaicinn."