Ath-thagradh Fhionnlaigh Dhòmhnallaich air a dhiùltadh

Fionnlagh Dòmhnallach às dèidh dha a bhith air a chur an grèim
- Air fhoillseachadh
Chaidh ath-thagradh a rinn murtair às an Eilean Sgitheanach an aghaidh an dìtidh is binn a chaidh air a dhiùltadh.
Chuireadh binn co-dhiù 28 bliadhna sa phrìosan air Fionnlagh Dòmhnallach an-uiridh às dèidh mar a chaidh fhaighinn ciontach de mhurt is oidhirp air triùir eile a mhurt san Lùnastal 2022.
Shàth Dòmhnallach, 41, a bhean Rowena le sgithinn grunn tursan air beulaibh an cuid chloinne aig dachaigh an teaghlaich ann an Tarsgabhaig an Slèite, mus do dhràibh e chun na Teangaidh far an do loisg e air a bhràthair-chèile, John MacFhionghain, ga mhurt.
Dhràibh Dòmhnallach an uairsin chun an Dòrnaidh air Taobh Siar Rois far an do loisg e air Fay NicCoinnich is an duine aice, John Don MacCoinnich.
Chaidh Dòmhnallach a dhìteadh san Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann san t-Samhain an-uiridh.
Bha an luchd-lagha aige air leigeil fhaicinn gun robh e an dùil ath-thagradh a dhèanamh.
Tha Seirbheis Chùirtean is Tribiùinealan na h-Alba a-nise ag ràdh gun deach ath-thagradh Dhòmhnallaich a dhiùltadh aig ìre air a bheilear a' gabhail dàrna sift, pròiseas laghail nuair a bhios àrd-bhritheamh no siorraidh a' co-dhùnadh am bu chòir cead a thoirt seachad 'son ath-thagradh a leigeil air adhart.
Bha Dòmhnallach air a dhol às àicheadh nan casaidean uile sa chùis is chuir e air adhart dìon sònraichte nach robh e aige fhèin aig an àm.
Chuala a' chùirt gun robh duilgheadasan aige le a shlàinte-inntinn is gun robh e ga mheas fhèin mar fhulangaiche.
Ach fhuair an diùraidh ciontach e de mhurt is trì oidhirpean air murt.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh29 An t-Samhain 2024