Sgoiltean na Gàidhealtachd "aig ìre èiginnich"

Comhairle na Gàidhealtachd
  • Air fhoillseachadh

Thèid iarraidh air comhairlichean na Gàidhealtachd innse gu bheil sgoiltean na sgìre a-niste aig ìre èiginnich agus tòrr dhiubh ann am fìor dhroch staid.

A rèir an fhiosrachaidh as ùire, tha nas lugha na an còigeamh cuid de sgoiltean aig ìre A - math - an coimeas ri 91% ann an Alba gu lèir.

A rèir fhiosrachaidh, tha beagan ‘s an treas cuid de bhun-sgoiltean na Gàidhealtachd air am meas aig ire C – truagh - an coimeas ri 6% ann an Alba gu lèir.

Tha 10% de dh’àrd-sgoiltean na dùthcha aig an ìre seo cuideachd – le faisg air 40% de dh’àrd-sgoiltean na Gàidhealtachd mar seo.

Thèid gluasad air beulaibh chomhairlichean na Gàidhealtachd Diardaoin ag ràdh gu bheil sgoiltean na sgìre aig ìre èiginnich.

‘S e am ball Tòraidheach airson Loch Nis, Helen Crawford, a tha a' cur a' ghluasaid air adhart.

Dh’iarr i gun tèid plana a chur air dòigh airson dèiligeadh ris an t-suidheachadh agus gun iarr a’ Chomhairle airgead bho Riaghaltas na h-Alba.