Clach air càrn laoch caillte na h-iomain
- Air fhoillseachadh
Thàinig iad nan dròbhan bhon h-uile pàirt den choimhearsnachd gus luaidh a dhèanamh air fear òg a bha air làrach fhàgail san ùine ghoirid a bha e ann an Leòdhas.
Bha eòla anns an robh Mgr Fred Catcheside air car a chur far Steòrnabhaigh san t-Sultain 1888.
Ged a chaidh cobhair a dhèanamh air caraid a bha còmhla ris, chaidh Mgr Catcheside bochd a shlaodadh sìos is na ròbaichean eaglaise aige air fàs trom san uisge.
Cha robh Fred, a bha na mhiseanaraidh san Eaglais Easbaigich is a bhuineadh do Cheann a Tuath Shasainn bho thùs, ach 32.
"He was a most successful missionary whose work had been carried on with great zeal," thuirt fear-gairm Bòrd Misein na h-Eaglais Easbaigich.
Ach chan ann a-mhàin a' sgaoileadh teachdaireachd na h-Eaglais san Eilean Sgitheanach an toiseach is an uairsin ann an Leòdhas a bha Mgr Catcheside, oir 's e seòrsa de mhiseanaraidh spòrs a bh' ann cuideachd.
"He was a strong believer in the beneficial effects of healthy recreation, as both here and at Portree he by personal application gave stimulus to football, cricket, and other healthy field sports," dh'innis naidheachd a' bhàis.
Am measg nan spòrsan eile sin bha iomain agus 's e sin a dh'fhàg gun deach seòrsa de mhiseanaraidh iomain eile - am fear seo bhon 21mh Linn - an sàs ann an rannsachadh sgeulachd Fred Catcheside, taobh a-muigh.
Tha Eòghan MacAoidh Stiùbhart eòlach gu leòr e fhèin air fàs a thoirt air iomain ann an diofar àitichean is aig diofar ìrean.
Tha e ag ràdh gun robh àite cudromach aig Fred Catcheside ann an eachdraidh Camanachd an Eilein Sgitheanaich.
"Thòisich e grunn chlubaicheann an am Port Rìgh, a' cur air dòigh ball-coise, rugbaidh, teanas, agus gu sònraichte iomain," tha Eòghan ag ràdh.
"Feumaidh gun robh iomain air choireigin a' dol san eilean ach bho bhith a' rannsachadh san leabhar aig Màrtainn Dòmhnallach, bidh thu a' leughadh gun d' fhuair Fred Catcheside cliù airson a bhith a' cur sgioba na camanachd air a casan a-rithist tro Chomann Cleasachd Phort Rìgh.
"Nuair a dh'fhàg e Port Rìgh bha ionndrainn mhòr is fhuair e poca làn guineas bho JC MacAoidh, fear a bha cudromach anns na tràth-bhliadhnaichean aig Camanachd an Eilein, oir bha iad gu math taingeil dha."
À Eaglais Easbaigeach Naomh Cholm Cille am Port Rìgh chaidh Fred Catcheside ann an 1888 gu Eaglais Naomh Peadar an Steòrnabhagh.
Bha eòlas aige air spòrs Leòdhais roimhe oir tha coltas ann gur e a chuir air dòigh geama ball-coise connspaideach eadar sgiobaidhean às an Eilean Sgitheanach is Eilean Leòdhais ann an 1886.
Chaidh e an sàs a-rithist ann an spòrs anns na h-Eileanan an Iar, ag amas gu sònraichte air òigridh a bhrosnachadh is na pàipearan ag ràdh gun robh e "actively interested in promoting public field sports when his sudden death took place".
Tha Eòghan ag ràdh gun robh sgioba iomain ann an Steòrnabhagh ann an 1893 is e a' rannsachadh an robh Fred Catcheside an sàs.
'S ann an uairsin a fhuair e a-mach mun tubaist dhuilich aig muir is bàs a' mhiseanaraidh aig aois òg ann an 1888, a dh'fhàg gun robh an ath phàirt de rannsachadh Eòghan sa chladh aig Eaglais Naomh Peadar an Steòrnabhagh.
'S e obair a bha sin nach robh furasta.
"Bha an uaigh ann am fìor dhroch staid, gun fhiosta dè bha sgrìobhte air cha mhòr," tha e ag ràdh, is seo na shamhla 's dòcha air mar a tha cliù Fred Catcheside air a dhol às an t-sealladh san là a th' ann.
Tha Eòghan a' cumail a-mach gu bheil an t-àm sin a chur ceart is aithne a thoirt às ùr air Sasannach òg a rinn na h-uimhir 'son spòrs a bhrosnachadh ann an ceann a tuath na h-Alba anns na bliadhnaichean mu dheireadh den 19mh Linn.
Is bhiodh e anabarrach iomchaidh, tha e ag ràdh, nam biodh an oidhirp sin a' toirt ri chèile an dà chluba anns na h-Eileanan far an robh Fred Catcheside a' fuireach.
"Tha sinn air faicinn bho chionn ghoirid leis a' Chaiptean MacRath Siosalach, chaidh a' charragh-chuimhne aigesan sa Mhanachainn ath-nuadhachadh le Seonaidh Hearach le taic bho Chamanachd na Cuimhne is bho chlubaichean Àirde MhicShimidh.
"Tha Fred Catcheside cuideachd feumach air aithne nas fheàrr bho shaoghal na h-iomain.
"'S dòcha gur e cus a th' ann a bhith ag ath-nuadhachadh carragh-chuimhne, ach bhiodh e math comharra air choireigin a chur aig an eaglais a' comharrachadh beatha is dìleab Fred a thaobh na h-iomain, co-dhiù san Eilean Sgitheanach.
"Bhiodh e snog cuideachd nam biodh seo a' cumail ris a' cheangal eadar Camanachd Leòdhais is Camanachd an Eilein, agus mu dheidhinn Gàidheil air gach taobh den Chuan Sgìth a thaobh dualchas na camanachd san dà aite."