Gheibhear beachdan phàrantan mu fhònaichean an sgoiltean na Gàidhealtachd

Balach-sgoile le fòn-làimhe fon deascTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' dol a shireadh bheachdan phàrantan agus luchd-obrach sgoile a thaobh mar a tha sgoilearan a' cleachdadh nam fònaichean-làimhe aca sna seòmraichean-teagaisg.

Tha casg orra mar-thà ann an Acadamaidh Inbhir Narann agus Àrd-sgoil Bhaile nan Granndach.

Chuir comhairlichean an taic a dh'aona-ghuthach ri moladh bhon chomhairliche Làbarach, Mìcheal Gregson, agus am ball Tòraidheach, Helen Crawford, airson conaltradh nas fharsainge.

Thuirt Mgr Gregson agus Ms Crawford gun robh na fònaichean a' toirt droch bhuaidh air clann agus an cuid foghlaim.

Am measg na tha iad a' moladh 's e an gealltanas gun cùm an t-ùghdarras ionadail taic ri sgoiltean a cho-dhùineas casg a chur air fònaichean.

Thuirt Mgr Gregson, fear de chomhairlichean Inbhir Nis agus a b' àbhaist a bhith a' teagasg ann an Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, gun robh na fònaichean mar phàirt de "linn de dh'ùineachan-aire briste".

Nochd comhairliche na h-Àirde agus Loch Nis, Ms Crawford, dragh gum faodadh fònaichean a bhith air an cleachdadh airson dealbhan neo bhidheothan a thogail de thidsearan fhad 's a tha iad a' teagasg, agus gum faodadh iad sin a bhith air an cleachdadh airson a bhith a' maoigheadh air luchd-obrach neo an nàireachadh.

Thuirt i: "Aig deireadh an là, tha sinn airson agus gun soirbhich leis a' chloinn againn agus chan eil e na chuideachadh gum bi an aire daonnan air fòn-làimhe.

"Carson nach fhaigh sinn na fònaichean a-mach às na sgoiltean againn gus am bi cothrom aig ar cuid chloinne ionnsachadh."

Fòn-làimhe ann an làmh deugaire san t-seòmar-teagaisgTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha cead aig ceannardan-sgoile an Alba am poileasaidh aca fhèin a chur an sàs a thaobh fònaichean-làimhe

Tha 29 àrd-sgoiltean aig Comhairle na Gàidhealtachd, trì sgoiltean speisealta agus còrr is 170 bun-sgoiltean.

Tha an conaltradh aig tuath a' tighinn an dèidh poileasaidh ùir aig dà àrd-sgoil ann an Dùn Èideann a thaobh fònaichean-làimhe.

Feumaidh sgoilearan aig Àrd-sgoil Phortobello agus Àrd-sgoil Queensferry na fònaichean aca a chur ann am pocan beag le glas air.

Tha cead aca na fònaichean fhathast a bhith aca ach feumaidh iad an cumail am broinn nam pocannan glaiste gu deireadh an leasain.

Bho riaghailtean ùra a thàinig a-steach an-uiridh, faodaidh sgoilearan ann an Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh na fònaichean-làimhe a bhith aca ach chan fhaod iad an cleachdadh taobh a-staigh na sgoile.

Tha cead aca an cleachdadh ge-tà taobh a-muigh thogalaichean na sgoile.

Àrd-sgoil MhicNeacailTùs an deilbh, COMHAIRLE NAN EILEAN SIAR
Fo-thiotal an deilbh,

Chan eil cead aig sgoilearan Sgoil MhicNeacail na fònaichean aca a chleachdadh taobh a-staigh thogalaichean na sgoile

Bhòt comhairlichean Mhoireibh na bu thràithe air a' mhìos seo riaghailtean nas cruaidhe a thoirt a-steach bhon Lùnasdal a bhios a' cuingealachadh cleachdadh nam fònaichean-làimhe fhad 's a tha leasanan a' dol.

Tha comhairlichean an dòchas gun toir seo lùghdachadh air buaireadh san t-seòmair-teagaisg cho math ri bhith a' cur stad air cuid de bhurraidheachd.

Tha stiùireadh Riaghaltas na h-Alba a' toirt cead do cheannardan-sgoile co-dhùnadh a dhèanamh iad fhèin mu phoileasaidh fhònaichean-làimhe, ach tha Comhairle Mhoireibh air a chur romhpa casg cunbhalach a chur an gnìomh.

Bhiodh fhathast cead ge-tà aig clann fòn-làimhe a bhith aca air adhbharan meidigeach airson sgrùdaidhean tinneas an t-siùcair, mar eisimpleir.