Taghadh na Gearmailt air fàire

Tha sluagh na Gearmailt gus bhòtadh ann an taghadh a dh'innseas cò tha gu bhith a' riaghladh ann am Berlin.
- Air fhoillseachadh
Thèid muinntir na Gearmailt chun na bocsaichean baileat Didòmhnaich is iad a' bhòtadh airson na pàrlamaid, am Bundestag. An-dràsta 's e seo an dàrna pàrlamaid as motha air an t-saoghail le 733 ball, ach thèid sin a gheàrradh sìos gu 630 neach bho seo a-mach.
'S e cho math agus a nì an AfD, Alternative für Deutschland, partaidh na fìor làimhe deise an rud air a bheil mòran a' coimhead. Bha partaidhean na fìor làimhe deise sa Ghearmailt rona seo fiù 's às dèidh àm nan Natsach, ach cha robh gin aca sa Bhundestag ro 2017. A-nis tha na cunntasan bheachd a' tomhas gum faodadh iad an cuibhreann dhen bhòt aca a dhùblachadh bho 10.3% gu còir is 20%. Tha iad gu mòr airson in-imricheas a lùghdachadh.

Tha an AfD ag amas buannachdan fhaighinn.
Dh'fhàs in-imricheas agus tearainteachd gu bhith nan cuspairean cudromach as dèidh nan ionnsaighean ann am Munich, Magdeburg agus Solingen. 'S e luchd-imrich a tha fo chasaid airson nan ionnsaighean air fad.
Aig tachartas ann am Berlin an t-seachdain-sa thuirt Friedrich Merz, tagraiche an CDU, na Deamocrataich Crìosdail, gun do dh'atharraich esan a bheachd a thaobh in-imricheas ri linn nan ionnsaighean seo cuideachd. A-rèir nan cunntasan beachd tha dùil gum faigh iad timcheall air 30% dhen bhòt agus le sin 's iad am partaidh as motha a bhiodh sa Bhundestag. Ach tha iadsan agus a h-uile partaidh eile a' diultadh co-obrachadh leis an AfD.

Friedrich Merz, tagraiche an CDU, na Deamocrataich Crìosdail, aig tachartas ann am Berlin.
Co-bhanntachd?
Ach, cò leis a b' urrainn dhan CDU co-bhanntachd a stèidheachadh? Tha dùil gum bi an SPD, na Sòisealaich Dheamocratach, agus na h-Uainich aig timcheall air 14%. Mar sin bidh sùilean dhaoine air na partaidhean beaga. Feumaidh partaidh sam bith 5% dhen bhòt a chosnadh gus faighinn a-steach dhan phàrlamaid.
Is coltach gun tèid aig partaidh na fìor làimhe clì, Die Linke, a thàinig bhon t-seann phartaidh coimiunach sa Ghearmailt an Ear, faighinn a-steach, ach dh'fhaodadh nach fhaigh am partaidh eile air an làimh chlì, BSW, no na Libearalaich Saora, FDP.
Bhiodh sin a' ciallachadh gur dòcha gum biodh mòr-chuid aig an CDU agus an SPD, no aig an CDU agus na h-Uainich. Nam faigheadh barrachd phartaidhean a-steach 's dòcha gum feumadh an CDU, an SPD agus na h-Uainich a dhol ann an co-bhanntachd. Ach, mar as àbhaist tha riaghladh le trì partaidhean doirbh.
Friedrich Merz na sheansalair?
Ge brith dè thachras ge-tà tha a h-uile coltas ann gum bi Friedrich Merz na sheansalair. An-dè thuirt e gum bu chòir dhan Roinn Eòrpa coimhead a-rithist ris an armachd niùclasach aice. Bha an Fhraing aig a bheil am Force de Frappe, mar a theireadh iadsan ris an armachd niùclasach aca, air co-obrachadh a thabhann rona seo, ach cha robh na Gearmailtich air ùidh a nochdadh ann.
Ach le coltas ann gu bheil càirdeas nan Stàitean Aonaichte leis an Ròinn Eòrpa ag atharrachadh fo cheannas a' Chinn Suidhe Trump tha sin a' toirt air dùthchannan beachdachadh às ùr air suidheachadh tearainteachd na sgìre.
Tha Mgr Merz airson coimhead ri co-obrachadh leis an Rìoghachd Aonaichte cuideachd. Mhol e Am Prìomhaire, Sir Keir Starmer, airson nan oidhirpean aige mar eadar-mheadhanair eadar an Roinn Eòrpa agus na Stàitean Aonaichte.

Dearbhaidh an taghadh cò thèid dhan Bundestag.
Ge brith dè thachras Didòmhnaich bheir e trì no ceithir mìosan mus bi co-bhanntachd ùr air a stèidheachadh agus cha thachair mòran rona sin. 'S e a' Ghearmailt an dùthaich as motha san Roinn Eòrpa le mu 85 millean neach agus 's i an eaconomaidh Eòrpach as motha cuideachd.
Tha an dàrna dùthaich as motha, an Fhraing, cuideachd ann an suidheachadh poileataigeach car mì-chìnnteach an-dràsta agus iad air a dhol tro cheithir riaghaltasan an-uiridh.
Chan urrainn dhaibhsan taghadh eile a ghairm ron t-samhradh. Mar sin, tha a h-uile coltas ann gum feum an Roinn Eòrpa feitheamh airson stiùireadh poileataigeach aig an àm seo nuair a tha sin a dhìth gu mòr agus an cogadh a' leantainn san Ucràin.