Rabhadh bho Chomhairle nan Eilean Siar mun t-suidheachadh ionmhais aca

Comhairle nan Eilean Siar
  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gur e seo a' bhliadhna mu dheireadh far an tèid aca air na leabhraichean a chothromachadh le sàbhalaidhean bhon chùl-stòr ionmhasail aca.

Tha cruth-atharrachadh a dhìth, a rèir cheannard na Comhairle, air an dòigh sa bheil Riaghaltas na h-Alba a' maoineachadh ùghdarrasan ionadail.

Nochd an Comh. Donnchadh MacAonghais a bheachd às dèidh do Choimisean nan Cunntasan aithisg fhoillseachadh a fhuair gun robh comhairlean na h-Alba le buidseat a bha còrr air £7.5m gann air na bha a dhìth orra sa bhliadhna ionmais 2023-24.

Lìon iad beàrnan le airgead bho na cùl-stòran aca ach chan urrainn dhan sin leantainn, a rèir a' Choimisein.

Thuirt Mgr MacAonghais nach eil iad a' lorg ach £2m eile a dhèanadh diofar mòr dhan choimhearsnachd: "£1m airson gun cìsean àrdachadh sa choimhearsnachd agus £1m eile airson leudachadh a dhèanamh air (seirbheis adhair) Steòrnabhaigh is Bheinn nam Fadhla agus an t-itealan sin, agus leudachadh a Bharraigh.

"Chan eil sin ach iomall beag de dh'airgead ga iarraidh nuair a sheallas sinn gu bheil iad air £20m a chur sa bhuidseat am-bliadhna mu choinneimh chosgaisean airson adhartas a dhèanamh an Arcaibh is Sealtainn le na bàtaichean-aiseig," thuirt Mgr MacAonghais.

An Comhairliche Donnchadh MacAonghais, Ceannard Comhairle nan Eilean Siar
Fo-thiotal an deilbh,

Thàinig rabhadh bho Cheannard Comhairle nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais, nach eil an suidheachadh ionmhais aca maireannach gun airgead riaghaltais a bharrachd

Tha beàrn £4m a dh'fheumas Comhairle nan Eilean Siar a lìonadh san ath bhliadhna ionmhais.

Cleachdaidh iad airgead a th' aca mu seach airson dèiligeadh ri rudan ris nach eil dùil airson sin a dhèanamh, mhìnich an Comh. MacAonghais, a bharrachd air gearraidhean sna roinnean aca.

Ach ghabh e ris nach e poileasaidh seasmhach a th' ann mura tig atharrachadh: "Tha a' Chomhairle air mìorbhailean a dhèanamh sna bliadhnaichean a dh'fhalbh, ach chanainn gur e seo a' bhliadhna mu dheireadh le mar a tha an àireamh ann an stòras air a gearradh sìos chun a' chnàimh," thuirt e.

"Chan fhaigh sinn air a chumail a' dol mar chomhairle mura tig atharrachaidhean air an dòigh sa bheil maoineachadh a' tighinn à Dùn Èideann."