Corp air a lorg anns an Eilean Sgitheanach

- Air fhoillseachadh
Fhuair iomairt poilis agus sgioba teasairginn nam beann lorg air corp fhireannaich air a' Chuillthean san Eilean Sgitheanach feasgar Dihaoine.
Thuirt iad nach eil coltas gu bheil sian amharasach mun chùis agus gun teid aithisg a chur gu neach-casaid a' Chrùin.
Cha deach an corp aithneachadh gu h-oifigeil fhathast.
Thuirt Poileas Alba gun deach fios a chur gu teaghlach Mhgr Mhic a' Phearsain.