Dithis fo chasaid às dèidh tubaiste air an A9

Poileas
  • Air fhoillseachadh

Chaidh dithis a chur an grèim agus sianar a thoirt dhan ospadal às dèidh tubaiste eadar càr agus carbad cuideachaidh air an A9 Diardaoin.

Chaidh sgiobannan teasairginn a ghairm gu làrach na tubaiste aig ceann-rathaid Ghleann Truim, eadar an Ràth Liath agus Dail Chuinnidh, mu 6:30f Diardaoin.

Chuireadh fireannach, 52, a bha a' dràibheadh a' chàir, an grèim agus chaidh casaid a chur air. Tha dùil gun nochd e sa chùirt an ceann ùine.

Chaidh fireannach, 44, dràibhear a' charbaid chuideachaidh, cuideachd a chur an grèim agus e fo chasaid airson eucoir trafaig.

Bha an rathad dùinte airson cha mhòr ceithir uairean de thìde às dèidh na tubaiste.

Thuirt na Poilis gu bheil an rannsachadh aca a' leantainn.