Eòrpa: Cabhag an 'Òir Ghil'
- Air fhoillseachadh
Tha an gluasad bho chonnadh fosail gu cumhachd glan a’ ciallachadh iarrtas a tha a’ sìor fhàs airson liteam - uaireannan air ainmeachadh mar ‘òr geal’ le cho deatamach 's a tha e do dh'eaconamaidh na Cruinne.
Tha am meatailt na phrìomh phàirt de na bataraidhean ath-theàirrdseachail a tha cho cudromach airson carbadan dealain agus airson cumhachd glan a stòradh.
'S e meatailt an ìre mhath cumanta a th' ann an liteam, ach feumar barrachd dheth a mhèinneadh ma tha na tha ri fhaighinn dheth a' dol a chumail suas ri iarrtas.
Tha na tha ga dhèanamh de liteam air èirigh bho 30,000 tunna ann an 2013, gu 198,000 tunna ann an 2023, a rèir Institiud a' Chumhachd.
Tha mòran de liteam an t-saoghail an-dràsta ga chladhach ann an Aimeireaga a-Deas, Astràilia agus Sìona.
Ach, le dùthchannan Eòrpach a’ coimhead ri na tha fon talamh acasan a leasachadh, thadhail mi air dà choimhearsnachd a tha gan lorg fhèin aig an fhìor loidhne-aghaidh ann an cabhag an ‘òir ghil’.
Tha nas lugha na 200 neach a' fuireach ann am baile beag Covas do Barroso ann an ceann a tuath Phortugal. Fad linntean, tha àiteachas air a bhith na bhunait de dh'eaconamaidh a’ bhaile agus dòigh-beatha nan daoine.
Gu dearbha, tha na cleachdaidhean àiteachais traidiseanta aca fiù 's air aithneachadh fhaighinn bho na Dùthchannan Aonaichte.
Ach, fon talamh aca, tha aon de na stòran liteam as motha san Roinn Eòrpa.
Tha a’ chompanaidh mhèinnearachd Savannah, a tha stèidhichte san Rìoghachd Aonaichte, a’ tomhas gu bheil de liteam ann am beanntan Covas do Barroso a nì leth mhillean bataraidh càr dealain, gach bliadhna, airson dusan bliadhna. Tha iad ag iarraidh a chladhach.
Bha dragh mòr air na daoine ris an do bhruidhinn Eòrpa mu na planaichean, le togail-fianais air tachairt tron t-Samhradh.
Nuair a ràinig an sgioba againne, bha sluagh cruinnichte aig campa, a' feuchainn ri maill a chur air uidheaman cladhaich. Tha an tuathanach Aida Fernandes air a bhith ag obrachadh an fhearainn ann an Covas do Barroso fad a beatha, le trì ginealaichean den teaghlach aice air an aon rud a dhèanamh.
Chan eil i ag aontachadh le seanchas na companaidh mèinnearachd gum bi a' mhèinn math airson obraichean agus airson beatha muinntir a’ bhaile.
“Na thathar a’ toirt às an talamh ann an Covas, cha shàbhail e rud no duine sam bith.
"Chan eil ann ach gnìomhachas a thèid fhàgail às dèidh leth dhusan bliadhna, ge brith a bheil e soirbheachail gus nach eil. 'S e sinne an fheadhainn a chumas an call. Call a dh’fhanas fad ghinealaichean mar a thachair an àiteachan eile.”
Dh’iarr Eòrpa agallamh air Savannah, ach chaidh innse dhuinn nach robh duine ri fhaighinn.
Dh'fhaighnich mi dhiubh an rachadh iad air adhart leis a' mhèinn a dh'aindeoin coltas gu bheil a' choimhearsnachd aonaichte na aghaidh.
Thuirt iad nach eil dòigh gu bheil sin fìor, leis gu bheil cuid de mhuinntir an àite air am fastadh leotha mar-thà.
Thuirt iad gun cruthaicheadh a’ mhèinn 200 obair san ùine fhada, agus gun cosg iad $100m gus cruth na tìre a thilleadh gu mar a bha e roimhe.
Tha baile Cínovec ann an ceann a tuath Czechia dìreach air a’ chrìch leis a’ Ghearmailt.
Le eachdraidh mèinnearachd a’ dol air ais chun na 14mh Linne, chaidh tionna, tungsten, agus gual a thoirt às an sgìre mun cuairt thar nam bliadhnaichean.
A-nis, tha stòras mòr liteam a' ciallachadh gun lean mèinnearachd an sin. Tha e fa-near dhan chompanaidh mhèinnearachd CEZ, a tha fo smachd Riaghaltas Czechia, agus a’ chompanaidh mèinnearachd Astràilianach, European Metals, cladhach a thòiseachadh cho tràth ri 2026.
“S e dùthaich a th’ annainn aig a bheil gnìomhachas chàraichean làidir a chruthaicheas càraichean dealain sna bliadhnaichean romhainn," thuirt Eduard Muřický, àrd-stiùiriche Roinn na h-Eaconamaidh bho Mhinistrealachd Gnìomhachais Czechia ri Eòrpa.
"Tha sinn ag iarraidh gum bi am pròiseas bho thoiseachd gu deireadh uile a’ tachairt ann an Czechia – bho bhith a' cladhach liteam, gu bhith a' crìochnachadh nan càraichean.
"A' coimhead ris an ìre Eòrpaich, tha an Roinn Eòrpa ag iarraidh a bhith nas neo-eisimeiliche bho mhòr-thìrean eile.”
Bha beachdan measgaichte aig muinntir an àite ann an Cínovec agus baile mòr Teplice a tha faisg air làimh.
Tha cuid dhiubh a’ faicinn na buannachd eaconamaich a dh’fhaodadh a bhith aig mèinneadh liteam, ach draghan mòra cuideachd mun bhuaidh àrainneachdail.
'S e a' cheist an gabh cothromachadh eadar miann na coimhearsnachd, feum eaconomach, buaidh àireannachdail is iarrtas na margaidh a lorg.
Chìthear Eòrpa: Cabhag an ‘Òir Ghil’ air BBC ALBA aig 9:00f Diciadain is e cuideachd ri fhaighinn air iPlayer a' BhBC.