Ceistean mun Ghàidhlig bho Mhargadh an Fheòir dha na h-Eileanan an Iar

Margadh an FheòirTùs an deilbh, M J Richardson / Geograph
  • Air fhoillseachadh

Bha a' Ghàidhlig air ais am measg nan ceann-naidheachd an t-seachdain seo le connspaid car annasach eile anns nach robh mòran bhrìgh, chanadh cuid co-dhiù, ach a ghlac aire gu leòr.

'S e an craoladair Andrew Marr a bha air a chùl le beachd a nochd e aig tachartas aig oir co-labhairt nan Làbarach.

Bha soidhne Gàidhlig aig Stèisean Rèile Mhargadh an Fheòir an Dùn Èideann air cur air Mgr Marr, soidhne a bha na bheachd "ridiculous" agus "offensive".

'S e gun robh an soidhne seo air Ghalltachd an trioblaid, tha e coltach.

No mar a thuirt e fhèin: "I think we should let languages rest and prosper where they come from".

Bha gu leòr nach robh air an dòigh is gu leòr, bu chòir a ràdh, a chuir taic ris.

Co-dhiù, thàinig an gnothach gu ceann le Mgr Marr fhèin a' tabhainn leisgeul.

"Feumaidh mi aideachadh gun robh mi gu tur ceàrr", thuirt e.

Ceart gu leòr, connspaid seachad.

Ach fhad 's a bha cuid a' fàs car aimhreiteach mu bheachdan Mhgr Marr, bha gnothaichean eile - gnothaichean nas bunaitiche - a' dol a bha a' bualadh gu dìreach air suidheachadh na Gàidhlig.

Agus anns na sgìrean air an robh e fhèin a-mach, shaoileadh tu, nuair a chaidh e an sàs sa chiad dol a-mach.

Nise, tha ceist an sin fhèin - dè na sgìrean "às an tàinig a' Ghàidhlig" mar a thuirt e? Is bhiodh freagairt na ceist gu math nas fharsaing na bha Mgr Marr a' creidsinn bho thùs, tha e coltach.

Ach cha chanadh duine sam bith nach eil na h-Eileanan an Iar is Earra-Ghàidheal nam measg.

Lùghdachadh

Chruinnich Comataidh Foghlam Comhairle nan Eilean Siar Dimàirt, taobh a-muigh gus figearan FtMG na bliadhna a dheasbad.

Chuala iad gun deach 42% de chloinn nan Eilean a-steach gu Clas 1 ann am FtMG san Lùnastal.

Seo ceithir bliadhna às dèidh dhan ùghdarras ionadail poileasaidh a thoirt a-steach a bha a' ciallachadh gur ann gu foghlam Gàidhlig a rachadh clann na sgìre, ach nam biodh iarrtas ro-làimh an cur slighe na Beurla.

Tha na h-àireamhan bho 2020 mar as trice air a bhith os cionn 50%.

Cha robh iad gu seo cho ìosal ri 42%.

Chaidh innse do chomhairlichean gun robh deagh adhbharan air cùl nam figearan.

Nam measg, bha gun deach tòrr a bharrachd chloinne a chumail air ais bliadhna an 2024, is 60% dhiubh sin an dùil, tha e coltach, a dhol tro FtMG.

Bu chòir, mar sin, gun tig piseach an ath-bhliadhna.

Bha àrdachadh ann cuideachd le clann le feumalachdan a bharrachd is pàrantan san t-suidheachadh sin nas buailtiche foghlam tron Bheurla a roghnachadh.

Feumar pàrantan a mhisneachadh gun urrainn dhaibh Gàidhlig a thaghadh, thuirt an aithisg.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Agallamh leis a' chomhairliche Dòmhnall MacSuain mu àireamhan FtMG anns na h-Eileanan

Bha na h-uimhir de phuingean eile ann.

Bha clann ann a bha air a dhol dhan sgoil-àraich tron Ghàidhlig oir nach robh roghainn eile ann san sgìre aca, a rèir na h-aithisg, ach nuair a ràinig iad Clas 1 roghnaich am pàrantan foghlam Beurla is bràithrean is peathraichean ann am FtMB mar-thà.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gum feum iad a bhith ag amas air pàrantan san t-suidheachadh seo.

Bha iomradh cuideachd air faireachdainn nach robh cuid de phàrantan a' taghadh FtMG air sgath beachd nach robh e aig ìre.

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' cur rompha piseach a thoirt air a' chùis am measg eile le barrachd fiosrachaidh a sgaoileadh mu bhuannachdan FtMG, is barrachd conaltraidh a dhèanamh le pàrantan mus dèan iad co-dhùnadh.

Mar phàirt den sin, thèid Là Gàidhlig CnES san t-Samhain a leudachadh gu Seachdain.

Bha ceannard Comataidh na Gàidhlig, Dòmhnall MacSuain, faiceallach mu na figearan.

"Bhiodh e furasta gu leòr dìreach feagal a bhith oirnn agus panic a bhith ann an-dràsta agus feuchainn ri cùisean a rèiteachadh, ach cha bhi fios againn ceart chun na h-ath-bhliadhna", thuirt Mgr MacSuain.

"Ach tha mi a' smaoineachadh gun robh tuigse ann fhathast aig a' choinneimh gum feum obair a bhith air a dhèanamh dìreach airson daoine a bhrosnachadh, misneachd a thoirt do phàrantan an cuid chloinne a chur ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus na buannachdan a tha a' tighinn an cois sin".

Mar a thuirt Mgr MacSuain, bidh e inntinneach fhaicinn dè chanas figearan 2025 nuair a bhios còig bliadhna ann bho chaidh am poileasaidh ùr a thoirt a-steach.

Fo-thiotal an deilbh,

Cho-dhùin Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gun a dhol air adhart le sgoil Ghàidhlig

Thàinig an t-seachdain gu ceann le Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid ag innse nach tèid Sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh san sgìre aig an ìre seo.

Bha seo às dèidh co-chomhairle phoblaich a mhair 10 seachdainean le 45% a' cur taic ri Sgoil Ghàidhlig agus 55% na h-aghaidh.

Chan ann gun chonnspaid a bha am pròiseas is an dà chuid Comann nam Pàrant agus Comunn na Gàidhlig air draghan a thogail mu dheidhinn.

"Tha e a rèir mar a chuireas tu a' cheist dè freagairt a gheibh thu," thuirt ceannard ChNAG, Dòmhnall MacNèill.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e sin an dragh a bu mhotha a bh' oirnne nuair a nochd am pròiseas seo sa chiad àite - nach robh e buileach cothromach.

"Tha a' Chomhairle a' cumail a-mach gun do choilean iadsan na h-uallaichean a bh' orra fon lagh, agus tha mi cinnteach, fo shealladh tana, cumhang air choireigin, gu bheil sin fìor.

"'S e a' cheist an deach a dhèanamh le deagh rùn?"

Fo-thiotal a’ bhidio,

Aithris Andreas Wolff mu FtMG an Earra-Ghàidheal

'S e am faireachdainn, bha e coltach, gun deach an gnothach a dhèanamh ann an dòigh is gun d'fhuair Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid an fhreagairt a bha iad ag iarraidh ro-làimh.

Thuirt labhraiche às leth na Comhairle nach robh e cothromach a ràdh nach do rinn iad co-chomhairle le deagh rùn, agus gun robh iad a' conaltradh le Bòrd na Gàidhlig agus le buidhnean eile ro-làimh.

"Tha Seirbheis an Fhoghlaim againn a' leantainn ann a bhith a' brosnachadh FtMG agus ann a bhith a' toirt chothroman do dhaoine air feadh an ùghdarrais a bhith ag ionnsachadh a' chànain", thuirt ceannard poileasaidh an fhoghlaim, an Comh. Audrey Forrest.

'S e briseadh-dùil a bh' ann do luchd-iomairt a tha air a bhith ag iarraidh sgoil Ghàidhlig ann an Earra-Ghàidheal is Bòd fad bhliadhnaichean.

Bha an t-ùghdarras ionadail air co-dhùnadh roimhe ann an 2018 gun sgoil a stèidheachadh san Òban.

"Bu chòir sgoil Ghàidhlig a bhith an seo. Tha mi an dòchas gun tachair seo anns na bliadhnaichean ri tighinn", thuirt an comh Robin MacMhuirich nach maireann aig an àm.

Cha robh an t-àm ceart ann an 2018, is tha e coltach nach eil t-àm ceart ann an 2024.

Tùs an deilbh, Reuters
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Bile nan Cànanan na h-Alba a' dol tro Phàrlamaid na h-Alba an-dràsta

Cha do ghlac na naidheachdan à thàinig às an Òban agus à Stèornabhagh aire idir mar a chuir Andrew Marr is soidhne Mhargadh an Fheòir na meadhanan-sòisealta nan smàl.

Ach le Bile nan Cànanan Albannach a' dol tron phàrlamaid, thog iad ri chèile ceistean nas bunaitiche mun Ghàidhlig ann an dà sgìre le dualchas fìor làidir sa chànan, aonan dhiubh far a bheil i mar-thà air crìonadh gu mòr - is an tè eile far an do sheall an cunntas-sluaigh gu bheil an crìonadh a' sìor leantainn, a dh'aindeoin gach iomairt gu seo.

Fhuair am bile seachad air a' chiad ìre nas tràithe air a' mhìos ach le rabhaidhean am measg eile nach toir e "buaidh ro mhòr idir" air cùisean mar a tha e, is gu bheil feum air "obair-lannsa raidigeach" a dhèanamh air.

Gheall an Leas Prìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis, gu bheil an Riaghaltas "a' coimhead ri dòighean gus obrachadh thar-phàrtaidh gus am bile a neartachadh aig an dàrna ìre agus dèanamh cinnteach gum bi Gàidhlig agus Albais air am bruidhinn anns na sgìrean traidiseanta aca, agus aig an aon àm a' cur ri fàs a tha sinn a' faicinn ann an sgìrean eile air feadh na dùthcha".

Tha luchd-iomairt na Gàidhlig air a dhèanamh soilleir mar-thà gu bheil e deatamach gun dèan luchd-poileataigs leasachadh air an reachdas mus tèid e troimhe air a' cheann thall.

Ann an sealladh nas lugha na 50% de chloinn nan Eilean Siar a bhith a' tòiseachadh na bun-sgoile am FtMG, is na cnapan-starra mòra, leantainneach san rathad air sgoil Ghàidhlig an Earra-Ghàidheal, tha e coltach nach beag an dùbhlan a tha mun coinneimh.