25 bliadhna de dh'òran ùr na Pàrlamaid Albannaich

A' Bhanrigh aig fosgladh stàite Pàrlamaid na h-Alba san Iuchar 1999Tùs an deilbh, Getty
Fo-thiotal an deilbh,

A' Bhanrigh aig fosgladh stàite Pàrlamaid na h-Alba san Iuchar 1999

  • Air fhoillseachadh

Nuair a chaidh Pàrlamaid na h-Alba ath-stèidheachadh bho chionn 25 bliadhna, chaidh a ràdh gur e “miann stèidhichte muinntir na h-Alba” a bha innte.

Bho aon shealladh, b’ e tilleadh na Pàrlamaid deireadh sgeòil fhada a chaidh air ais, aig a’ char as lugha, gu 1979, nuair a bhòt mòr-chuid airson fèin-riaghlaidh, ach leis nach do bhòt mòr-chuid den fheadhainn a dh’fhaodadh bhòtadh, cha do thachair e.

Às dèidh sin, lean bliadhnaichean Mairead Thatcher, am Poll Tax, sreath de thachartasan a thug air cuid a bha teagmhach mu fhèin-riaghladh anns an Rìoghachd Aonaichte - cuid dhiubh anns a’ Phàrtaidh Làbarach, cuid eile anns an SNP - am beachd atharrachadh.

Rinneadh sgrios air na Tòraidhean ann an Alba ann an 1997 agus cha deach èisteachd riutha ron dàrna reifreann ann an 1998 - a thug Pàrlamaid na h-Alba le cumhachdan a bharrachd na bha anns an amharc ann an 1979.

(Ann an ìorantas eachdraidh, bheireadh a’ Phàrlamaid a chuir iad an aghaidh an cothrom do na Tòraidhean ath-thogail anns na bliadhnaichean às dèidh 1999.)

An dàrna uair, bha an toradh fhèin soilleir, agus bha e coltach gun robh miann a’ phobaill stèidhichte gu leòr.

Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

A' Bhanrigh a' dol a dh'ionnsaigh fosgladh na Pàrlamaid Albannaich

Ach tha gach deireadh na thoiseach cuideachd - cha tig caibideil gu crìch gun gèilleadh ri tè eile.

No, anns na faclan a chleachd ciad Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid Ùr na h-Alba, Dàibhidh Steel, air a’ chiad là ann an 1999, “seo toiseach òrain ùir”.

Is e deagh ìomhaigh a bha aig a’ Mhorair Steel - ga togail bhon t-seisean leis an do dhùin an t-seann-phàrlamaid ann an 1707 - oir cha ghabh òran “stèidheachadh”, tha ceòl do-ghlacte, bidh e ag èalaidh agus ag atharrachadh gach uair a ghabhar e.

An-diugh, thèid an Rìgh tarsainn Lonaig nan Each, an rathad caol a nì sgaradh eadar lùchairt a’ Chrùin agus Pàrlamaid a’ phobaill, a sheasas an aghaidh a chèile aig bonn na Mìle Rìoghail, agus cuiridh glòr nan trompaidean fàilte air.

Cluinnear mac-talla air an deas-ghnàth leis an do chruinnich a’ Phàrlamaid ùr ann an 1999, agus bidh e coltach gu bheil i ann an dà-rìribh “stèidhichte”, gu bheil rudan nach dèan an tìm atharrachadh.

Ach anns na 25 bliadhna a dh’fhalbh, is iomadh car a thug am fonn.

Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Dòmhnall Dewar nach maireann, a' chiad phrìomh mhinistear a bh' ann às dèidh ath-stèidheachadh Pàrlamaid na h-Alba

Bho thùs, bha teinnead ann eadar an fheadhainn a chunnaic Devolution mar “thachartas” agus an fheadhainn a choimhead air mar “phròiseas”.

Bha a-riamh cuid ann - agus chan e nàiseantaich a bha annta uile - a shaoil nach b’ e Achd an h-Alba, a fhuair Dòmhnall Dewar tro Phàrlamaid Westminster às dèidh taghadh Tony Blair ann an 1997, am facal mu dheireadh air cumhachdan Holyrood, gum fàsadh iad fhad ’s a dh’fhàs muinntir na h-Alba cleachdte rithe agus a dh’fhàs a’ Phàrlamaid fhèin deiseil gus barrachd a ghabhail os làimh.

Agus gu dearbha, is e sin a thachair - tha smachd a-nis aig buill-phàrlamaid na h-Alba air ìrean agus bannan na cìse cosnaidh, agus air tòrr de shochairean sòisealta air nach robh iomradh ann an Achd 1998.

(Bho shealladh an là an-diugh, is annasach an aire a fhuair an dàrna ceist air cumhachdan cìse anns an deasbad ro reifreann 1998, cumhachdan nach deach a chleachdadh idir gus an d’ fhuair a’ Phàrlamaid barrachd smachd air a’ chìs chosnaidh às dèidh 2016).

Ach gach uair a chaidh cumhachdan Holyrood a neartachadh - às dèidh mar a chaidh an stèidheachadh ann an 1999 - is ann mar fhreagairt air adhartas a rinneadh leis an fheadhainn nach fhaca fèin-riaghladh anns an Rìoghachd Aonaichte mar “mhiann stèidhichte” idir.

Leis an fhìrinn innse, tha miann a’ phobaill - ma tha a leithid de rud ann - air a bhith caochlaideach, seach stèidhichte, agus tha gach coltas gur ann mar sin a leanas e.

Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Ailig Salmond leis a' Bhanrigh às dèidh dha a bhith air a stèidheachadh mar phrìomh mhinistear an 2007

Air ais ann an 1999, na chiad òraid mar phrìomh mhinistear, thuirt Dòmhnall Dewar nach maireann gun robh barrachd ann am fèin-riaghladh na briathran sgrìobhte ann an achd pàrlamaid.

Bha e, thuirt e, “mun dòigh anns a bheil sinn gar giùlan fhèin”.

Chan urrainn dhuinn a’ cheist a chur air a-nis, ach shaoil mise gun robh e a’ bruidhinn mun phoball Albannach anns an fharsaingeachd agus chan ann a-mhàin mun fheadhainn a bha nan suidhe mun cuairt air anns an t-seòmar.

Ach, ag ràdh sin, bha dùil agus dòchas aig cuid gum biodh buill na Pàrlamaid ùire gan giùlan fhèin air dòigh eadar-dhealaichte.

Chan fheumaist ach coimhead air ceistean a’ Phrìomh Mhinisteir gach Diardaoin gus faicinn nach do thachair sin.

Is beag an t-iongnadh - is e daoine deasbaideach a tha annainn agus tha iomadh uair nach eil sinn air an aon ràmh.

Tùs an deilbh, Reuters
Fo-thiotal an deilbh,

Holyrood, dachaigh na Pàrlamaid Albannaich bho 2004

Ann an 2024, tha e follaiseach nach eil miann poball na h-Alba air an dòigh a bu toil leotha an riaghladh fhèin, air an àite anns an t-saoghal no an dàimh leis na dùthchannan mun cuairt idir stèidhichte, ged nach eil dùil ri bhòt eile air neo-eisimeileachd anns an aithghearrachd.

Ge-tà, tha Pàrlamaid na h-Alba air a stèidheachadh fhèin aig cridhe beatha na dùthcha anns na ciad 25 bliadhna de a beatha fhèin.

Bho ghnothaichean aig an taigh, gu cùisean eadar-nàiseanta, còirichean daoine ann an Alba chun an uabhais anns an Ear-Mheadhanach, mar a tha daoine aig iarraidh guth no bratach a thogail, is ann gu bun na Mìle Rìoghail a thig iad, biodh a’ chùis fo smachd na Pàrlamaid no nach bitheadh.

Ma dh’fhaoidte gu bheil na làithean tràth nuair a bha dòchas gum faicte poileataigs na bu mhodhaile na broinn seachad, ged is truagh ma-thà.

Ach ma tha an dòchas sin air falbh, na àite tha daoine an dùil ri freagairtean bho bhuill-phàrlamaid na h-Alba.

Cha dèan na ceistean ach tighinn agus sìor thighinn anns na bliadhnaichean a tha romhainn.