Na Trads a' tilleadh a dh'Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh
Tillidh cuirm dhuaisean MG ALBA airson ceòl traidiseanta na h-Alba a thaisbeanadh a dh'Inbhir Nis am-bliadhna.
Thèid na Trads a chumail air Là Naomh Anndra, an 30mh den t-Samhain, aig Ionad Spòrs a' bhaile.
Faodar tagraidhean a chur a-steach airson 21 duaisean bho Dhiluain seo tighinn.
Bidh duais ùr nam measg airson Gaisgeach na Gàidhealtachd.
Thèid an duais seo gu tè no fear no buidheann a tha air cur gu mòr ri beatha cultarail na Gàidhealtachd.
Tha deich bliadhna bhon a bha a' chuirm an Inbhir Nis mu dheireadh agus bhon uairsin tha ceòl traidiseanta air a bhith a' dol bho neart gu neart.
Luchd-ciùil as fhèarr
'S e a' bhuidheann Hands Up for Trad, a tha ag obair airson ceòl traidiseanta a bhrosnachadh, a tha a' cur na cuirme air dòigh.
"Chan eil dòigh nas fhèarr ann airson a bhith a' comharrrachadh Là Naomh Anndra na bhith ag èisteachd ris an luchd-ciùil as fhèarr a th' againn agus chan eil àite nas fhèarr na prìomh-bhaile na Gàidhealtachd airson sin a dhèanamh", thuirt Simon Thoumire bhon bhuidhinn.
Bidh Julie Fowlis, Skipinnish, Calum McIlroy - a bhuannaich duais BBC Neach-ciùil òg na Bliadhna 2024 - am measg na bhitheas air an àrd-ùrlar.
Thuirt Cathraiche Comataidh Gàidhlig Comhairle na Gàidhealtachd, Calum Rothach, gun robh iad air an dòigh glan gun tèid a' chuirm a chumail an Inbhir Nis.
"Tha mi toilichte gun d'fhuair sinn maoineachadh bho Stòras Maith a' Bhaile, Riaghaltas na h-Alba agus bho UK Shared Prosperity 's tha mi coimhead air adhart ri bhith a' cluinntinn nam farpaiseach aig a' chuirm", thuirt e.
Gheibhear tiocaidean bho làrach-linn High Life na Gàidhealtachd agus chìthear a' chuirm cuideachd air BBC ALBA aig 9f air an 30mh den t-Samhain.