Coimhearsnachd a' coimhead air oighreachd ath-fhiadhachaidh a cheannach

Fearann aig Bun LeòthaidTùs an deilbh, Chris Heaton/Geograph
  • Air fhoillseachadh

Dh'aontaich coimhearsnachd air Ghàidhealtachd coimhead ri bhith a' ceannach oighreachd Bhun Leòthaid, faisg air Druim na Drochaid, no earrann dhith, le taic bhon bhuidhinn charthannais Trees for Life, feuch gun lean ath-fhiadhachadh na h-oighreachd leis a' choimhearsnachd aig an stiùir.

Thèid an oighreachd, sa bheil 513 acair, air a' mhargaidh an ath-mhìos.

Dh'aontaich Comann Coimhearsnachd Dhùthchail Ghlinn Urchadain (GURCA) gun coimheadadh iad ris a' bheachd an dèidh coinneimh phoblaich a chaidh a chumail Diciadain.

'S ann leis a' chompanaidh Highland Rewilding Eta a tha an oighreachd, 's a' chompanaidh ag amas air "càradh nàdair agus saibhreas choimhearsnachdan tro ath-fhiadhachadh gu ìre mhòir".

Tha chu an Fhaoillich aig a' chompanaidh airson iasad £11m a fhuair iad bhon UK Infrastructure Bank agus Top Online Partners - leis an do cheannaich iad fearann airson ath-fhiadhachadh - a phàigheadh dheth.

"Cho-dhùin sinn coimhead ris a' chothrom ainneamh seo airson sealbh coimhearsnachd, 's ceannard Highlands Rewilding Jeremy Leggett air innse gur ann aig a' choimhearsnachd a bhios a' chiad chothrom air an oighreachd a cheannach," thuirt Cathraiche GURCA, Susan Griffin.

Thuirt GURCA agus Trees for Life gur ann ag amas air dìon agus càradh a thoirt do dh'àrainnean mu choinneimh èiginn an nàdair agus na gnàth-shìde a bhiodh an iomairt ag amas, a thuilleadh air buannachdan fhaighinn dhan choimhearsnachd le leithid obraichean stèidhichte air nàdar, slàinte nas fheàrr, agus ath-shluaghachadh.

"Bidh sinn a' toirt làn-thaic don choimhearsnachd agus iad a' coimhead ri bhith a' ceannach an fhearainn aig Bun Leòthaid, 's dùil gur e modal iongantach a dh'fhaodadh a bhith ann de dh'ath-fhiadhachadh le muinntir an àite aig an stiùir a chùm bith-iomadachd a thilleadh agus beatha dhaoine a bheartachadh," thuirt Àrd-Stiùiriche Trees for Life, Steve Micklewright.

Bidh fiosrachadh mun fhearann a thèid a reic aig Bun Leòthaid - agus aig fearann eile le Highland Rewilding ann an Taigh a' Bhealaich an Earra-Ghàidheal agus Beul Dòrnaidh ann an Siorrachd Bhainbh - ri fhaotainn bhon 1mh là den Dàmhair.