Urram do Dhòmhnall Bàn am Pàrlamaid na h-Alba
- Air fhoillseachadh
Thuirt am pìobaire Uibhisteach Dòmhnall Bàn Dòmhnallach gur e urram mòr dha-rìribh a th' ann dha aithne fhaighinn mar phàirt de na tha a' dol gus 25 bliadhna de Phàrlamaid na h-Alba a chomharrachadh.
Bidh cuirm ann aig Holyrood Disathairne seo tighinn gus a' chlach-mhìle a chomharrachadh.
Chaidh Pàrlamaid na h-Alba ath-stèidheachadh gu h-oifigeil leis a' Bhanrigh nach maireann air a' 1mh den Iuchar 1999.
Às dèidh còig bliadhna ann an Talla Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba, ghluais a' Phàrlamaid gu Holyrood ann an 2004.
Am measg na tha a' tachairt Disathairne, bidh 'gaisgich ionadail' bho air feadh Alba an làthair aig Holyrood.
'S e BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, a chuir Dòmhnall Bàn air adhart.
Tha Mgr Dòmhnallach air 40 bliadhna a chur seachad a' teagasg na pìoba ann an Uibhist agus Barraidh is air na ceudan de chloinn a chuideachadh.
An-uiridh chaidh ainmeachadh mar oide na bliadhna aig na Trads.
"Bidh cuimhne agam air gu sìorraidh"
"Tha cothrom aig gach BPA gaisgeach ionadail a thaghadh agus 's e fìor ghaiseach ionadail a th' ann an Dòmhnall Bàn", thuirt Mgr Allan.
"Tha iomadach duine ann an Uibhist agus nas fharsainge na sin air pìobaireachd ionnsachadh agus air ionnsachadh mu cheòl traidiseanta tro Dhòmhnall".
Is dh'innis Dòmhnall Bàn fhèin gu bheil e air a dhòigh glan.
"S e urram mòr dha-rìribh a th' ann dhomhsa. Cha robh mi riamh roimhe sa Phàrlamaid agus tha mi a' coimhead gu mòr air adhart ris an t-àite fhaicinn cuideachd agus a h-uile duine eile.
"Bha e (Alasdair Allan) ag innse dhomh gur e air sàillibh an obair a tha mi a' dèanamh sa choimhearsnachd eadar Uibhist is Barraigh a thaobh obair na pìobaireachd, ach tha mi uabhasach fhèin taingeil gu dearbha fhèin e.
"Cha robh sìon a dhùil agam ris a' chuireadh a tha seo idir, tha mi dìreach uabhasach fhèin moiteil agus taingeil cuideachd - bidh cuimhne agam air gu sìorraidh".