Còig sgìrean a' sireadh Inbhe Pàirce Nàiseanta

Loch CeiteireinTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bhiodh sgìre ùr a' cur ris an dà Phàirc Nàiseanta a th' ann an Alba an-dràsta

  • Air fhoillseachadh

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba gu bheil sgìre Loch Obha, Loch Abar, Gall-Ghàidhealaibh, Na Crìochan agus Coille Thatha air tagraidhean a chur a-steach airson a bhith air an taghadh mar an ath Phairc Nàiseanta an Alba.

Tha còrr air 20 bliadhna bho chaidh Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh agus Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn agus nan Tròisichean ainmeachadh mar Phàircean Nàiseanta an Alba.

Mar phàirt den aonta eadar Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba agus am Pàrtaidh Uaine, dh'aontaich Ministearan an treasamh Pàirc Nàiseanta a stèidheachadh an Alba ro dheireadh an t-seisein seo den Phàrlamaid ann an 2026.

San Dàmhair an-uiridh dh'fhoillsich am Ministear airson Bith-iomadachd, Lorna Slater, gun robh iad a' toirt fiachadh do choimhearsnachdan agus do bhuidhnean iarrtasan obrachadh suas agus a chur thuca ron an 29mh den Ghearran.

Conaltradh

Chaidh coinneamhan a chumail ann an grunn àitean agus suirbhidhean a chur air dòigh air-loidhne a rannsachadh dè an seòrsa taice a bha anns na sgìrean mus deadh iarrtas a chur chun an Riaghaltais.

Cho-dhùn sgìrean Eilean a' Cheò - a bha a' toirt a-steach an Eilein Sgitheanaich, Ratharsair agus Rònaigh - Afraig is Loch Nis agus Beinn Uais is Gleann Afraig gun a dhol air adhart le bhith a' sireadh inbhe le sgaradh bheachd follaiseach anns na sgìrean.

Cha robh sgìre Thaobh Siar Rois am measg na sheall ùidh sa bheachd an toiseach, ach chaidh beachdan dhaoine a thrusadh is thàinig iad sin cuideachd gu co-dhùnadh gun a dhòl air adhart.

Thuirt a' bhuidheann air cùlaibh an tagradh airson sgìre Bheinn Uais is Gleann Afraig gun robh iad a' faireachdain gun robh cus cabhaig mun ghnothach agus nach robh gu leòr taice ann dhaibh.

Prìseil

Tha am Ministear airson Bith-iomadachd, Lorna Slater, air a ràdh gu bheil an dà Phàirc Nàiseanta a th' againn an-dràsta am measg nan rudan as prìseile mu ar dùthaich.

Thuirt i gun robh iad ainmeil air feagh an t-saoghail airson an cruth-tìre is nàdair agus gun robh an t-àm ann cur riutha.

Na tagraidhean

Ged a tha còig sgìrean air tagraidhean a chur a-steach chan eil iad seo às aonais connspaid leis nach eil a h-uile duine a' cur làn-thaic riutha nan sgìrean fhèin.

Am measg ghuthan a tha air bruidhinn a-mach gu làidir an aghaidh a bhith a' stèidheachadh Pàircr Nàiseanta ùir tha tuathanaich is croitearan is draghan orra mun bhuaidh a bheireadh seo air am beò-shlàint.

Ann an Loch Abar, thàinig còrr air ceud duine chun nan sràidean air an deireadh-sheachdain seo chaidh ag iomairt an aghaidh an tagraidh.

Ann an Gall-Ghàidhealaibh tha tuathanaich draghail mun bhuaidh a bheireadh an t-inbhe air turasachd, rud a tha luchd-iomairt nam pàircean a' diùltadh gabhail ris.

Agus anns Na Crìochan tha an tagradh air a dhol a-steach às aonais taic na Comhairle an sin is iad ag ràdh gu bheil e "neo-choileanta".

Gleann ComhannTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha tuathanaich is croitearan ann an Loch Abar air bruidhinn a-mach mun tagradh sa sgìre sin

Dè thachras a-nis?

An t-Eilean SgitheanachTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tharraing an t-Eilean Sgitheanach is Ratharsair a-mach às a' phròiseas leis nach robh gu leòr taice ann

Thèid measadh a dhèanamh air na tagraidhean eadar am Màrt agus an Cèitean am-bliadhna. An uair sin thèid beachdachaidh air rudan leithid meudachd agus cumadh; taic ionadail; agus cudromachd na sgìre ann an seagh nàiseanta, am measg eile.

Tha dùil gum foillsich an Riaghaltas na molaidhean aca as t-Samhradh 2024 agus an uair sin thèid tuilleadh co-chomhairleachaidh a dhèanamh anns an sgìre a thèid a thaghadh.