Ceumannan ùra gus meadhan Steòrnabhaigh a dhèanamh nas sàbhailte

Steòrnabhagh
  • Air fhoillseachadh

Dh'fhoillsich Comhairle nan Eilean Siar gum bi iad a' teannachadh riaghailtean air sràidean do luchd-coiseachd a-mhàin ann am meadhan Steòrnabhaigh gus an t-àite a dhèanamh nas sàbhailte.

Bha draghan air nochdadh is barrachd charbadan na bha còir a' cleachdadh nan sràidean.

Tha Comhairle Coimhearsnachd Steòrnabhaigh air fàilte a chur air na ceumannan is iad ag ràdh gun robh iomagain ann gum biodh call beatha ann air sgàth an t-suidheachaidh.

Chaidh sòn sònraichte a stèidheachadh ann am meadhan a' bhaile ann an 2006 gus an sgìre a dhèanamh nas sàbhailte do luchd-ceannaich is luchd-coiseachd eile.

Fo na riaghailtean, chan eil cead ann ach do chuid de charbadan bathair eadar 10:30m is 6:00f.

Thuirt a' Chomhairle ge-tà, gu bheil an sgìre air fàs nas trainge le carbadan tro na bliadhnaichean is nach eil e cho sàbhailte 's a bha.

Às dèidh dhaibh ath-sgrùdadh a dhèanamh, tha iad air crathadh a thoirt air na riaghailtean.

Bidh feum aig carbadan a tha san sgìre na ceadan aca a thaisbeanadh gu soilleir, ag innse dè na h-uairean a tha ceadaichte is dè cho fada 's a bhios iad ann.

SteòrnabhaghTùs an deilbh, Comhairle nan Eilean Siar
Fo-thiotal an deilbh,

An sgìre air a bheil na riaghailtean a' toirt buaidh

Bidh feum aca cuideachd na solais rabhaidh aca a chur air fhad 's a tha iad a' draibheadh tron sgìre.

"Tha feadhainn de dhraibhearan air a bhith a' briseadh nan riaghailtean anns na bliadhnaichean mu dheireadh is mar sin bha sinn airson gnothaichean a neartachadh," thuirt cathraiche Fo-Chomataidh Meadhan Baile Steòrnabhaigh, an Comh. Iain MacAmhlaigh.

"Tha cuideachd cuid nach do thuig nach urrainn dhaibh draibheadh tron sgìre seo.

"Tha sinn airson dèanamh cinnteach gu bheil na ceadan as ùire aig an fheadhainn aig a bheil cead - agus cùisean a dhèanamh nas sàbhailte do luchd-ceannaich".

Dh'fhàg seo gun robh aig a h-uile duine le cead iarrtas a dhèanamh às ùr.

Chan eil cead aig draibhearan tacsaidh is feadhainn le baidse ciorramaich na càraichean aca a thoirt a-steach dhan sgìre, ach thuirt an Comh. MacAmhlaigh gum bi an t-ùghdarras ionadail sùbailte a rèir dè an suidheachadh a th' ann.

"Ma tha cuideigin den bheachd gum feum iad faighinn nas fhaisge air a' bhùth-chungaidhean no dad mar sin, faodaidh iad tighinn chun na Comhairle agus cead iarraidh - cha bhi sin na thrioblaid."

Chan eil oifigearan trafaig air a bhith ann an Steòrnabhagh fad grunn bhliadhnaichean is tha cuid air ceist a thogail mu cho furasta 's a bhios e na riaghailtean a chur an sàs.

Thuirt an Comh. MacAmhlaigh gu bheil iad an dòchas gum bi ciall aig daoine iad fhèin is gun lean iad na riaghailtean.

Iain MacAmhlaigh
Fo-thiotal an deilbh,

Iain MacAmhlaigh

Faodaidh Poileas Alba peanas £100 is trì puingean a chur air duine sam bith a bhriseas na riaghailtean.

Chuir Comhairle Coimhearsnachd Steòrnabhaigh fàilte air na ceumannan ùra bhon ùghdarras ionadail.

Thuirt iad gu bheil iad a' tuigsinn gum feum cuid de charbadan na sràidean a chleachdadh ach gun robh e follaiseach gun robh feadhainn de dhraibhearan air a bhith a' briseadh nan riaghailtean, a' cur clann is ciorramaich gu sònraichte ann an cunnart.

"Bhon a chaidh Comhairle Coimhearsnachd Steòrnabhaigh ath-stèidheachadh an-uiridh tha sinn air draghan a chluinntinn bho mhuinntir an àite is bho chomhairlichean mu shàbhailteachd luchd-coiseachd air Sràid an Rubha," thuirt rùnaire na buidhne, Mike MacLeòid.

"Bha dragh ann nach tachradh dad gus am biodh ceall beatha ann.

"'S e naidheachd fìor mhath a tha seo - a' dèanamh chùisean nas sàbhailte do dhaoine agus, tha sinn an dòchas, ri linn seo gum bi barrachd dhaoine a' frithealadh air gnothachasan ann am meadhan a' bhaile cuideachd."