Tubaist mharbhtach ann an Leòdhas
- Air fhoillseachadh
Tha Poileas Alba a' sireadh fiosrachaidh mu thubaist ann an Leòdhas anns an deach boireannach a mharbhadh.
Chaidh am boireannach, a bh' air chois, a leagail le bhana Renault Master mu 16:45 Dihaoine air an A858 ann an Siabost bho Thuath.
Chaidh a toirt gu Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh far an do bhàsaich i goirid às dèidh làimhe.
Chaidh a h-ainmeachadh mar Jodie Mitchell, 32, à Bradhagair bho Dheas.
Cha deach draibhear a' bhana a ghoirteachadh.
Dh'fhosgail an rathad a-rithist tràth madainn Disathairne.
Tha na poilis airson bruidhinn ri draibhearan a bh' anns an sgìre aig an àm, agus daoine aig am faodadh dealbhan dash-cam a bhith.
Faodar fios a chur gu Poileas Alba air an àireimh-fòn 101, leis an àireimh-chlàraidh 2602, Dihaoine, 7mh den Ghearran 2025.