Beachdan làidir mu 'Spiorad na Mara'
![Coinneamh mu Spiorad na Mara](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/1800/cpsprodpb/5909/live/7e54e980-e4f1-11ef-bd1b-d536627785f2.jpg)
- Air fhoillseachadh
"'S coma leinn an t-airgead... chan eil sinn ag iarraidh nan crann."
Sin am beachd a fhuair an taic a bu làidire aig coinneimh mu tuath-gaoithe Spiorad na Mara a chaidh a chur air dòigh le Comhairle Coimhearsneachd Shiaboist.
Bha a' comhairle coimhearsnachd ag iarraidh gun cluinneadh riochdairean poileataigeach agus riochdairean nan oighreachdan air taobh an iar Leòdhais beachdan an t-sluaigh mu phlanaichean na companaidh Northland Power gus 900mW de chumhachd fhaighinn bhon ghaoith, aig muir, far chladaichean an Taoibh Shiar.
Tha dùil gum biodh suas ri 66 crainn-gaoithe sa phròiseact, suas ri 380m de dh'àirde.
Dòmhnall MacFhionghain, Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Shiaboist
'B iad Comhairle Coimhearsneachd Shiaboist a chuir a' choineamh air dòigh, agus mhìnich an cathraiche acasan, Dòmhnall MacFhionghain dè a bha iadsan a thoirt air falbh bhuaithe.
"Tha sinn airson 's gun tèid guth na coimhearsnachd a chluintinn," thuirt e.
"Gu h-àraidh an fheadhainn gu h-ionadail a tha air an taghadh gu poileataigeach ach cuideachd riochdairean na coimhearsnachd fhèin.
"Tha piungean air am feum sinn obrachadh às dèidh na coinneamh a-nochd.
"Tha sinn gu bhith a' sireadh fiosrachaidh bho Northland Power, ag iarraidh fhreagairtean bhuapa air ceistean co-cheangailte ri gnìomhachas na turasachd, a' bhuaidh air slàinte Mhic-an-duine agus gum bi rannsachadh air na gnothaichean seo air a dhèanamh gus am bi am fiosrachadh aig a' choimhearsnachd."
![Daoine ag èisteachd aig a choinneimh](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/1800/cpsprodpb/8656/live/4269dca0-e4f1-11ef-a319-fb4e7360c4ec.jpg)
'B e fiosrachadh an t-iarrtas a bu mhotha a thàinig bho na daoine aig a' choinneimh.
A dh'aindeoin seiseanan conaltraidh ann an diofar àiteachan air feadh Leòdhais, cha robh faireachdinn am measg na bha an làthair ann an Siabost gun d' fhuair iad am fiosrachadh a bu mhiann leotha.
Bha fiosrachadh cuideachd ga iarraidh air Comhairle nan Eilean Siar a thaobh a' phròiseas dhealbhachaidh.
Chan eil co-dhùnadh aig a' Chomhairle ri dhèanamh mu leasachadh sam bith air grunnd na mara, ach tha iad gu bhith a' breithneachadh air na pàirtean a tha air tìr.
Air sgàth sin bha neach-gairm na Comhairle, Coinneach MacLeòid, agus an Comh. Dòmhnall MacSuain air an cuingealachadh a thaobh na dh'fhaodadh iad a ràdh sa choinneimh air eagal 's gum biodh aca ri tarraing às a' phròiseas.
B' e cuingealachadh den aon sheòrsa a dh'fhàg nach robh Alasdair Allan BPA an làthair aig Ionad na Seann Sgoile.
Thuirt esan ann am brath dhaibhsan a bha ann gun robh an dreuchd aige mar mhinistear san Riaghaltas a' fàgail nach biodh e ceart nochdadh aig leithid de choinneimh phoblaich, fiù 's ged nach eil an co-dhùnadh mun ghnothach gu bhith air a ghabhail leis an roinn aigesan den Chaibineat.
Torcuil Crichton BP
Cha robh Toircuil Chrichton BP den bheachd gur e stad a chur air 'Spiorad na Mara' am prìomhachas a bu chòir a bhith air aire mhuinntir an Taoibh Shiar.
Thuirt e nach biodh e "airson tòiseachadh far a bheil sinn" ach gun robh atharrachadh na gnàth-shìde a' fàgail gun robh pròiseactan mar seo deatamach.
Bha esan ag iarraidh barrachd airgid fhaighinn airson cleachdadh gu maith na coimhearsnachd.
Tha buidheannan air an Taobh Siar mar thà air gealltanas fhaighinn airson £4.5m gach bliadhna bho Northland Power, ach tha ball-pàrlamaid na sgìre den bheachd gun gabhadh barrachd fhaighinn bhuapa, agus airson nan Eileannan an Iar air fad.
Tha esan a' coimhead air a' phròiseas dhealbhachaidh mar dhòigh gus seo fhaighinn bho na companaidhean mòra.
"Tha eiseimpleirean eadar-nàiseanta ann, far nach fhaigh companaidhean cead-dealbhachaidh mura bi iad a' tabhainn co-dhiù anns an Dainmhairg 20%, anns a' Ghearmailt tha an dàrna leth de na cruinn fo smachd nan comhairlean ionadail agus tha an t-airgead agus a' bhuannachd sin a' tighinn a-steach do na comhairlean ionadail," thuirt e.
"Tha sin a' tachairt ann an dùthchannan eile, chan eil adhbhar ann nach fhaodadh e tachairt anns an dùthaich seo cuideachd."
Ma tha am pròiseact a' dol air adhart, tha e fìor gum bi muinntir an Taoibh Shiar ag iarraidh buannachd fhaighinn às.
Tha e fior a ràdh cuideachd ge-tà, gur e am fòcas a bh' acasan a bha aig coinneamh Shiaboist, stad a chur air a' phròiseact mus tèid e càil na b' fhaide air adhart - buannachd ann no às.
Eòrpa: Spiorad na Mara
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh19 An Lùnastal 2024
- Air fhoillseachadh11 An t-Iuchar 2022
- Air fhoillseachadh28 An Gearran 2024