"Feumar sùil a thoirt air deamocrasaidh an Alba gu lèir"

- Air fhoillseachadh
Tha còig bliadhna on chaidh Calum Rothach na bhall de Chomhairle na Gàidhealtachd a' riochdachadh muinntir an Eilein Sgitheanaich is Ratharsair.
Rinn e iomairt fon bhrataich, "Guth ùr don Eilean agus do Ratharsair".
Dh' innis Mgr Rothach bho chionn ghoirid gu bheil e a' dol a sheasamh sìos.
Ann an agallamh le BBC Naidheachdan mhìnich e gum feumar coimhead air mar a tha deamocrasaidh ga chur an gnìomh aig ìre ionadail is nàiseanta.
Tha e den bheachd gum feumar coimhead air an tuarastal a gheibh comhairichean ma thathas airson daoine òga le teaghlaichean a tharraing dhan obair.
Rinn e iomradh air na dùbhlain an cois dreuchd mar chomhairliche, obair a tha còir a bhith pàirt-ùine ach a tha "a' gabhail làmh an uachdair".
"Feumaidh spìonnadh agus lùths a bhith annad agus bha sin agam ach tha mi a' creidsinn gu bheil sin air sìoladh às beagan.
"Tha e gu math doirbh an obair a chumail mar obair phàirt-ùine. Tha e air meas mar obair phàirt-ùine ach tha mi a' creidsinn mar a tha na bliadhnaichean a' dol air adhart 's e an obair a tha a' gabhail làmh an uachdair is a h-uile dad eile air a chur mun cuairt air an obair.
"'S e obair mhòr a th' ann is 's e obair làn-ùine a th' ann," thuirt Mgr Rothach.
Tha e ag ràdh gum bu chòir còmhradh a bhith ann mu thaic do chomhairlichean agus tuarastal ma tha daoine òga gu sònraichte gu bhith air an tarraing dhan obair.
Calum Rothach a' bruidhinn ri Gilleasbuig MacDhòmhnaill
Tha Mgr Rothach toilichte gun deach adhartas a dhèanamh a thaobh a bhith a' cur an gnìomh mholaidhean Sir Lewis Ritchie airson piseach a thoirt air seirbheisean slàinte san sgìre.
Ged a bha NHS na Gàidhealtachd air gealltainn molaidhean Sir Lewis air fad a chur an gnìomh nuair a chaidh an aithisg aige fhoillseachadh ann an 2018, cha deach aca air sin a choileanadh mar a bha dùil.
Bha Calum Rothach na chathraiche air Buidheann Sir Lewis Ritchie gu h-ionadail aig àm nuair a bha strì mhòr a' leantainn gus cùram cabhagach 24/7 a thilleadh gu Ospadal Phort Rìgh.
Bha draghan mòra gu h-àraidh anns na beagan mhìosan mus deach cùram cabhagach ath-stèidheachadh san Lùnastal an-uiridh.
Chaochail boireannach a bha aig fèis chiùil Skye Live sa Chèitean is nuair a chaidh taic iarraidh aig Ospadal Phort Rìgh do bhoireannach eile a dh'fhàs tinn às dèidh dhi a bhith aig an fhèis, bha dorsan an ospadail glaiste.
Ged a tha Mgr Rothach ag ràdh nach eil an iomairt gus seirbheisean slàinte na sgìre a leasachadh seachad, tha e misneachail gu bheil adhartas air a bhith ann.
"Thòisich mise nam chathraiche (air Buidheann Sir Lewis Ritchie) nuair a bha am pròiseas an ìre mhath a' tuiteam às a chèile", thuirt Mgr Rothach.
"Bha obair ann am pròiseas a chur air ais air a' chasan. Tha mi a' smaoineachadh anns na mìosan mu dheireadh tha sinn air mu dheireadh thall air cuid de na seirbheisean ris a bheileas an dùil ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich fhaicinn air an cur an gnìomh.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sinn air adhartas a dhèanamh".

Bha Mgr Rothach cuideachd na chathraiche air comataidh ùr na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd is strì gu leòr an sin, gu h-àraidh aig toiseach a' ghnothaich.
Nuair a thòisich Mgr Rothach bha connspaid air a bhith ann mu sheasamh an ùghdarrais ionadail a thaobh a' chànain is an ceannard ag ràdh gun robh maoineachadh 'son foghlam Gàidhlig mì-chothromach agus gun robh clann Bheurla a' call a-mach.
Thuirt a' Chomhairle aig an àm cuideachd gun robh farpaisean spòrs do chloinn le Gàidhlig "a' brosnachadh neo-ionnanachd".
Tha misneachd nas motha aig Mgr Rothach a-nise gu bheil adhartas ann a thaobh inbhe na Gàidhlig taobh a-staigh Comhairle na Gàidhealtachd.
"Nuair a thòisich mi bha ceistean ann mun tuigse a bh' aig a' Chomhairle mun Ghàidhlig is dè cho dealasach 's a bha iad mun Ghàidhlig.
"Cha robh comataidh Gàidhlig aca.
"Tha oifigearan math, math againn is tha sinn air inbhe na Gàidhlig a thogail taobh a-staigh na Comhairle, agus cuideachd tha mi a' smaoineachadh gu bheil daoine a' faicinn gu bheil a' Chomhairle fhèin a' toirt barrachd spèis dhan Ghàidhlig na bha - no na bha daoine a' creidsinn a bha - nuair a thòisich mi."
Tha Calum Rothach den bheachd gun deach suidheachadh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd a leasachadh
Càineadh
Thog Mgr Rothach cuideachd air beatha chomhairliche aig àm nuair a tha daoine san fharsaingeachd buailteach leum air na meadhanan-sòisealta 'son beachd a chur an cèill.
Dh'aidich e gun urrainn dha seo a bhith "trom" air comhairlichean.
"Rud a theirinn, a' mhòr-chuid de na daoine a tha a' sgaoileadh nam beachdan seo is gar càineadh, chan eil duine aca air am fòn a thogail no air sgrìobhadh thugainn no air coinneamh iarraidh.
"Uaireannan chan eil deasbad air-loidhne uabhasach cothromach - ach sin an saoghal anns a bheil sinn beò."
Calum Rothach a' bruidhinn mu mheudachd Comhairle na Gàidhealtachd
"Sgrùdadh nàiseanta air ùghdarrasan ionadail"
Tha meudachd sgìre Comhairle na Gàidhealtachd air a bhith na h-adhbhar deasbaid às ùr sna mìosan a dh'fhalbh is cuid de chomhairlichean air moladh a chur air adhart gus an t-ùghdarras ionadail a bhriseadh suas.
Cha do shoirbhich leis a' ghluasad sin.
Tha Mgr Rothach fhèin den bheachd gu bheil cus chumhachd "ga tharraing chun a' mheadhainn air feadh Alba", is tha e 'son is gun tig crathadh air Comhairle na Gàidhealtachd mar phàirt de ghluasad nàiseanta.
"Ann an dòigh tha a h-uile duine ag aithneachadh gur e sgìre ro mhòr a th' ann Comhairle na Gàidhealtachd,
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil daoine uaireannan ga fhaicinn ann an dòigh gu math sìmplidh: gum biomaid a' tilleadh gu sgìre Loch Aillse is an Eilein Sgitheanaich is gum biodh a h-uile càil ceart gu leòr.
"Gu pearsanta, dh'iarrainn barrachd chomhairlichean ann an uàrd mar seo mar a th' aca sna h-Eileanan Siar.
"Bhiodh e gu math soirbh buannachdan deamocratach fhaicinn le comhairlean nas lugha ach chan eil mi buileach cinnteach am faod sinn a ràdh gum bi barrachd airgid ann.
"Tha mi a' smaoineachadh gum feumar sùil a thoirt air deamocrasaidh an Alba gu lèir, agus gur e sgrùdadh nàiseanta air ùghdarrasan ionadail agus deamocrasaidh ionadail a bheireadh atharrachadh air meudachd sgìre Comhairle na Gàidhealtachd agus dè dh'fhaodadh a bhith na h-àite."