Iomairt pàirce nàiseanta do Ghleann Afraig is Loch Nis

Gleann AfraigTùs an deilbh, GETTY IMAGES
  • Air fhoillseachadh

Chaidh iomairt a thòiseachadh airson inbhe Pàirce Nàiseanta fhaighinn do Ghleann Afraig agus Loch Nis.

'S iad Comhairle Coimhearsnachd Shrath Ghlais a tha an ceann na h-iomairt, 's iad an dòchas gun toir e dìon agus aithneachadh do dhualchas nàdarra agus cultarail na sgìre.

Tha iad cuideachd an dùil gun tigeadh cothroman eaconomach ùra na lùib, obraichean stèidhichte air obair-nàdair nam measg, a chuidicheadh muinntir an àite fuireach 's obrachadh ann.

Tha Riaghaltas na h-Alba air cur romhpa co-dhiù aon Phàirc Nàiseanta ùr a stèidheachadh ro 2026.

Tha a' bhuidheann charthannais Trees for Life cuideachd a' cur taic ris an iomairt.

"'S e a' phrìomh bhuannachd à inbhe Pàirce Nàiseanta do choimhearsnachdan ionadail, gum bi guth aca mu na thèid a dhèanamh ann," thuirt àrd-stiùiriche na buidhne, Steve Micklewright, a tha cuideachd air bòrd-stiùiridh Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.

"Nì iad co-dhùnaidhean mu dhealbhachadh, mu iùil na Pàirce Nàiseanta.

"'S iad riochdairean na coimhearsnachd ionadail a bhios ann an co-dhiù dàrna leth bòrd Pàirce Nàiseanta. Mar sin tha guth làidir aca.

"An rud eile, 's e gun tarraing Pàirc Nàiseanta maoineachadh - rud a tha gu math gann air Ghàidhealtachd aig an àm seo chan ann a-mhàin airson nàdar ath-stèidheachadh, ach airson leithid leasachaidhean a bheir buannachd do ghnothachasan ionadail agus maith choimhearsanachdan.

"Ma nì thu coimeas eadar na tha a' tachairt ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh 's na tha a' tachairt taobh a-muigh na Pàirce, tha a' Phàirc a' tàladh mòran a bharrachd airgid bhon Riaghaltas, agus mòran a bharrachd ghrantaichean.

"Dh'fhaodadh sin tachairt ann an Gleann Afraig agus Loch Nis cuideachd," thuirt e.

Taighean-samhraidh

Tha Mgr Micklewright ag aideachadh ge-tà, gu bheil dragh mun bhuaidh air taigheadas a thig à Pàirc Nàiseanta.

"'S e fear de na draghan a bhios air daoine gun teagamh sam bith, gum bi barrachd iarrtais air dàrna dachannan agus taighean-samhraidh ann am Pàircean Nàiseanta," thuirt e.

"Sin ri linn 's gu bheil daoine ag iarraidh a bhith a' fuireach 's a' tadhal air cruth-tìre àlainn.

"'S e an rud eile a tha math mu inbhe Pàirce Nàiseanta ge-tà, gum faodar barrachd thaigheadais air prìs reusanta iarraidh ann am Pàirc Nàiseanta.

"A-rithist, an coimeas ris a' Mhonadh Ruadh, feumaidh 45% de dhachannan ùra ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh a bhith air prìs reusanta.

"Tha an àireamh sin aig 25% anns a' chòrr de dh'Alba.

"Ged a tha cunnart ann gun iarr daoine barrachd dhàrna dachannan san sgìre, faodar sin a làimhseachadh le bhith ag ràdh gum feumar barrachd thaighean aig prìs reusanta a thogail.

"Tha sin a' toirt cothrom dha-rìribh do dhaoine ionadail fuireach 's a bhith ag obair san sgìre," thuirt e.