Mucan mu sgaoil sa Mhonadh Ruadh

Mucan feireilTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha maoir ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh a' feuchainn ri mucan feireil a chaidh a leigeil mu sgaoil gu mì-laghail a thrusadh.

Thuirt Ùghdarras na Pàirce Nàiseanta gun deach na mucan fhaicinn Diluain faisg air na h-Uath-Lochain, faisg air baile Innis ann am Bàideanach.

Tha sin mu chòig mìle air falbh bho far an deach lioncs a leigeil ma sgaoil gu mì-laghail sa phàirc air a' mhìos a chaidh.

Chaidh na cait mhòra a ghlacadh, ach bhàsaich fear aca goirid an dèidh sin.

Thuirt Comann Rìoghail Su-eòlais na h-Alba gun robh na beathaichean air a bhith fo sreas mhòr an dèidh dhaibh a bhith air am fàgail ann an àrainneachd ùr "air leth dùbhlanach".

"Tha sinn air fios fhaighinn gun deach mucan feireil fhaicinn ann an sgìre de Phàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh, faisg air na h-Uath-Lochain," thuirt labhraiche às leth Ùghdarras na Pàirce Nàiseanta.

"Tha an t-Ùghdarras ag obair gu dlùth le compàirtichean - NàdarAlba agus Coilltearachd is Fearann Alba (FLS) nam measg - feuch dè dìreach a tha a' tachairt, agus tha FLS an-dràsta a' feuchainn ris na beathaichean a ghlacadh.

"Tha coltas ann gu bheil na beathaichean an ìre mhath socair, agus tha coltas ann gun deach an leigeil mu sgaoil gu mì-laghail.

"Tha fìor dhroch bheachd aig Ùghdarras na Pàirce Nàiseanta air a leithid."

Maith nam beathaichean

Rinn Fearann is Oighreachdan na h-Alba, a bhios a' riochdachadh ghnothachasan air an tuath, cuideachd càineadh air a leithid de thachartas, agus dh'iarr iad air duine sam bith le fiosrachadh bruidhinn ris na poilis.

"A rèir choltais b' e rud mì-laghail, gun chùram a bha seo, a tha a' sealltainn nach eil diù idir aig an fheadhainn a rinn e air maith nam beathaichean no air an àrainneachd nas fharsainne," thuirt stiùiriche mhòintichean na buidhne, Ross Ewing.

"Chunnaic sinn buile sin le mar a chaidh lioncs a leigeil mu sgaoil gu mì-laghail, a dh'fhàg gun do bhàsaich fear de na beathaichean.

"Chan eil dragh idir aig an fheadhainn a bhios a' dèanamh seo mu mhaith nam beathaichean a tha iad a' leigeil às, no mun bhuaidh mhòir a dh'fhaodas a thoirt."

Bha aithrisean ann an-uiridh gun robh treudan de mhucan feireil a' dèanamh sgrios anns a' Ghleann Mhòr, a' marbhadh chaorach agus a' milleadh talamh ionaltraidh air croitean agus tuathanasan.