"Nam biodh fios agam cha robh mi riamh air a dhol a-steach airson FtMG"

Eòghainn MacLeòid
  • Air fhoillseachadh

Tha cuid de phàrantan ag ràdh gum bi aca ris an cuid chloinne a thoirt a-mach à foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ma chuireas Comhairle na h-Eaglaise Brice às do chòmhdhail-sgoile dhaibh.

Tha clann san sgìre a' siubhal gu sgìrean comhairle eile airson FtMG fhaighinn aig an ìre seo agus bha an t-ùghdarras ionadail a' pàigheadh air a shon.

Fhuair pàrantan san sgìre litir bhon Chomhairle ge-tà, ag innse nach biodh còmhdhail ri fhaotainn 'son sgoilearan san àrd-sgoil, no clann a tha gus tòiseachadh sa bhun-sgoil, bhon Lùnastal am-bliadhna.

Tha iad ag ràdh gum bi taic ann dha cloinn a tha sa bhun-sgoil mar-thà gus an ruig iad S1.

Tha an suidheachadh air iomagain a chur air teaghlaichean san sgìre a tha a' cur an cuid chloinne gu FtMG ann an sgoiltean ann an sgìrean eile, mar Chondobhrait ann an Siorrachd Lannraig a Tuath.

"Nam biodh fhios agamsa gun robh iad a' dol a dhèanamh seo, cha robh mi riamh air a dhol a-steach airson an fhoghlaim a tha seo," thuirt Eoghainn MacLeòid, a tha na phàrant anns an Eaglais Bhric.

"Iadsan a thug dhuinn an cothrom tighinn dha na sgoiltean a tha seo.

"Nuair a bha mise a' coimhead air cur na cloinne agam dhan sgoil ghabh mi sùil air dè na buannachdan a bhiodh ann ag ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig - agus bha buannachdan mòra ann.

"Cha robh mi a' smaoineachdainn gum faighinn an cothrom idir air sgàth gun robh mi a' fuireach anns an Eaglais Bhric. Ach thuirt iad rium gun robh an t-seirbheis seo ann."

Bun-sgoil agus Sgoil-àraich Chondobhrait
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh cuid de chloinn às an Eaglais Bhric a' dol gu Bun-sgoil Chondobhrait ann an Comar nan Allt

Tha Mgr MacLeòid ag ràdh gun tàinig an litir bhon Chomhairle mar chlach às an adhar.

Thuirt e gu bheil an suidheachadh mar-thà air droch bhuaidh a thoirt air a' chloinn.

"Tha am balach agam an-àirde tron oidhche, 's tha e a' caoineadh, ag ràdh riumsa nach eil e a' dol a dh'fhaicinn nan caraidean aige gu bràth tuilleadh.

"Chan eil fada ann bho bha foghlam cho troimhe-chèile le Covid, 's sinn a-niste aig ìre far a bheil sinn a' smaoineachdainn gum faod sinn falbh, gum feum iad tòiseachadh ann an sgoil ùr, far nach eil iad eòlach air duine.

"Agus chan e a-mhàin sin, ach chan eil iad a' dol a bhuannachadh air sin, air sgàth nach eil iad a' dol a dh'fhaighinn an aon fhoghlaim 's a bha iad a' faighinn," thuirt e.

Lorna Duke

Tha Lorna Duke am measg phàrantan eile air a bheil an suidheachadh a' toirt buaidh.

Tha balach aice sa bhun-sgoil, agus nighean aice san àrd-sgoil ann an Comar nan Allt.

"Tha mo mhac air a bhith an-àirde air an oidhche, 's e troimhe-chèile. Chan eil fhios aige dè thachras dha," thuirt i.

"Tha an nighean agam gu math feargach. Tha gu leòr aice ri smaoineachadh mu dheidhinn a thaobh deuchainnean, roghainnean, àiteachan oilthigh, gun seo a bhith air a h-inntinn cuideachd.

"Tha e an-iochdmhor."

Fo-thiotal a’ bhidio,

Ceistean mu Chomhairle na h-Eaglaise Brice is FtMG

Cha tuirt Comhairle na h-Eaglaise Brice dad ri pàrantan bho chuir iad an litir thuca, agus tha na pàrantan ag ràdh gu bheil an t-ùghgdarras ionadail air diùltadh bruidhinn riutha.

Cumaidh a' Chomhairle bhòt Diardaoin agus tha Ms Duke an dùil a bhith an làthair còmhla ris an nighinn aice.

"Tha iad a' cur suas balla, agus chan eil iad ag aithneachadh mar a tha an gnothach seo a' toirt buaidh air slàinte-inntinn na cloinne againn," thuirt i.

"Tha mi airson 's gum faic iad sin."

Thuirt Comhairle na h-Eaglaise Brice nach eil dleastanas orra seirbheis den leithid a thabhainn agus gu bheilear an dùil a-niste a gearradh air sgàth cuideim ionmhais.

Seo a dh'aindeoin gealltanas sa Phlana Ghàidhlig aca gus taic a chumail ris an t-seirbheis.

Tha Bòrd na Gàidhlig air sgrìobhadh chun na Comhairle gus an gealltanas a chur nan cuimhne, agus gus iarraidh orra leantainn leis an taic chòmhdhail.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil iad air £14.5m a bharrachd a thoirt seachad do Chomhairle na h-Eaglaise Brice 'son na bliadhna a tha romhainn airson seirbheisean làitheil riatanach a chumail a' dol - le còmhdhail do sgoilearan Gàidhlig a tha a' faighinn an cuid foghlaim ann an sgìrean comhairle eile an lùib sin.

Chuir BBC Naidheachdan na puingean seo gu Comhairle na h-Eaglaise Brice, ach cha do thill iad thugainn fhathast.