Moladh mòr do dhà sgoil-àraich an Uibhist a Deas is Beinn na Faoghla

- Air fhoillseachadh
Thuirt Buidheann-Sgrùdaidh a' Chùraim gu bheil an t-seirbheis, ceannas agus goireasan aig an dà chuid Sgoil-Àraich Bhaile a' Mhanaich agus Cothrom Òg ann an Uibhist a Deas eadar "glè mhath" agus "math".
Chaidh luchd-sgrùdaidh gu Sgoil-Àraich Bhaile a' Mhanaich am Beinn na Faoghla sa Chèitean gun innse ro làimh agus fhuair iad gun robh gach raon den t-seirbheis "glè mhath".
Tha an t-slat-tomhais aca a' dol bho 1, a tha neo-shàsail, agus 6, a tha fìor mhath.
Am measg na fhuair iad bha gun robh an dàimh eadar a' chlann agus an luchd-obrach "blàth, cùramach agus coibhneil".
Bha e gu buannachd na cloinne, thuirt an aithisg aca, gun robh "manaidsear agus sgioba ann a bha a' rùnachadh gum bi an t-seirbheis ga sìor leasachadh".
'S e Comhairle nan Eilean Siar a tha a' ruith a' ghoireis sa bheil àite do 56 duine-cloinne fo aois sgoile aig a' char as motha.
Cothrom Òg
Chaidh luchd-sgrùdaidh gu Cothrom Òg an Uibhist a Deas gun fhiosta do mhanaidsearan sa Ghiblean.
Fhuair iad gun robh an cùram, ceannas agus an goireasan fhèin eadar "math" agus "glè mhath".
Bha a' chlann "air an deagh choimhead às an dèidh, le tòrr chur-seachadan agus bha spòrs aca" a rèir na h-aithisg aca.
Bha ceannas na seirbheis air a mheas leotha mar "glè mhath".
Tha Cothrom Òg na bhuidheann charthannais a tha ag obair an co-bhann le Comhairle nan Eilean Siar.
Tha rùm gu leòr san ionad airson suas ri 36 pàiste eadar dà bhliadhna agus 12 bliadhna a dh'aois.