101 sgiobannan ag amas air Cuach na Cloinne 2025

Sgioba Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a' dèanamh gàirdeachais an dèidh dhaibh buannachadh an-uiridh
- Air fhoillseachadh
Tòisichidh co-fharpais ball-coise tro mheadhan na Gàidhlig do chloinn bun-sgoile bho air feadh Alba Dimàirt an ath-sheachdain.
Thòisich Cuach na Cloinne ann an 2006 agus thàinig fàs air a h-uile bliadhna.
Am-bliadhna, tha 101 sgiobannan de chòignear air an clàradh, le 680 duine cloinne a' gabhail pàirt ann.
'S e Comunn na Gàidhlig (CNAG) a tha gu ruith.
Tha Marina Mhoireach, Stiùiriche Leasachaidh ChNAG, ag ràdh gu bheil e na "adhbhar misneachd dhuinn gu bheil uimhir de sgoiltean agus òigridh" gu bhith a' farpais.
Thuirt i: " Tha e cho cudromach gu bheil clann a tha a' dol tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig a' faighinn chothroman a bhith a' cleachdadh a' chànain taobh a-muigh an t-seòmair-sgoile agus a bhith a' coinneachadh ri clann bho cheàrnaidhean eile aig a bheil a' Ghàidhlig."
Na geamannan roinneil dearbhaidh:
22/04 - Pàirce Uile Aimsir, Steòrnabhagh
23/04 - Sgoil Lìonacleit, Beinn na Fadhla
24/04 - Àrd-sgoil Loch Abar, An Gearasdan
30/04 - Àrd-sgoil Phort Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach
06/05 - Pàirce Chanal, Inbhir Nis
07/05 - Goals, Rathad Mòr an Iar, Glaschu
Thèid a' chuairt-dheireannach a chluich 4mh den Ògmhios ann an Inbhir Nis.
Ann an 2024 b' e Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a thog an Cupa airson an dàrna bliadhna ann an sreath.
Tha Cuach na Cloinne 2025 air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairle na Gàidhealtachd.