Eilean Sgitheanach nan sluagh

Raon-parcaidh a' Chuith-RaingTùs an deilbh, GETTY IMAGES
Fo-thiotal an deilbh,

Thadhail 857,000 duine air an Eilean Sgitheanach ann an 2023

  • Air fhoillseachadh

'S e an t-Eilean Sgitheanach an dàrna àite, às dèidh Dhùn Èideann, as motha a tha a' tarraing luchd-turais an Alba.

Tha coltas nach fhada gus am bi millean duine gach bliadhna a' tadhal air an eilean agus tha earrann mhath dhiubh sin a' dol ann taobh a-muigh seusain traidiseanta na turasachd.

Dealbh de neach-turais a' togail dhealbh de Bhodach an StòirrTùs an deilbh, GETTY IMAGES
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh daoine a' tadhal air an Stòrr a h-uile là den bhliadhna

Tha mi an seo ann an ear-thuath an Eilein Sgitheanaich, a' coimhead a-null chun a' Chuith-Raing - sealladh cho brèagha 's a gheibheadh tu anns an eilean seo, agus tha gu leòr dhiubh sin ann.

Chan eil an raon-parcaidh an seo buileach làn fhathast, ach a' tighinn suas an rathad, seachad air Bodach an Stòirr, bha am fear sin mar a ghabhadh e.

Chan eil seo idir na annas - ach 's e a tha 's dòcha ach gu bheil sinn a-nis fada seachad air an t-samhradh, agus mar sin pìos mòr seachad air àirde seusan na turasachd.

Tha an t-eilean seo trang, agus shìos pìos beag bho far a bheil mi an-dràsta, tha sreath de dhaoine aig doras a' dol a-steach gu cafaidh bheag ann an Stafainn.

Ailean MacDhòmhnaillTùs an deilbh, Urras an Taobh Sear
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an cafaidh aig Ailean MacDhòmhnaill trang dha-rìribh gu deireadh an Dàmhair

"Tha an seusan beagan nas fhaide na b' àbhaist dha a bhith, ach tha e fada nas trainge aig an toiseach agus an deireadh na b' àbhaist dha a bhith," thuirt Ailean MacDhòmhnaill à Stafainn, a tha a' ruith a' chafaidh The Hungry Gull.

"Tha sinne a' dol ann an seo gu deireadh an Dàmhair, agus an uair sin a' gabhail mìos dheth.

"Tha sinn an-còmhnaidh a' dèanamh an aon rud.

"Ach tha e an-còmhnaidh làn fad an t-siubhail."

Dùghall Ros
Fo-thiotal an deilbh,

Tha atharrachadh mòr air tighinn air na tha de luchd-turais bho thòisich Dùghall Ros ag obair ann an 1976

Shìos an rathad, ann a Ealasiadar, tha Taigh-tasgaidh nan Dìneasaran, air an do thadhail mòran luchd-turais am-bliadhna.

"Trang dha-rìribh," thuirt Dùghall Ros, a tha a' ruith an taighe-tasgaidh.

"Bha mi ris an obair seo a' dol air ais gu '76 - suas ri 50 bliadhna air ais!

"Aig an àm a bha sin cha robh ann ach beagan cheudan a bha a' tighinn a-steach dhan taigh-tasgaidh ann an seusan.

"Ach a-niste tha e anns na mìltean. Tha e air atharrachadh gu lèir.

"Leithid Bodach an Stòirr, tha sin cho tarraingeach aig feadhainn, 's chì sinn an sin iad a h-uile là den bhliadhna."

Allt Coire na Creiche ('Glumagan nan Sìthichean)Tùs an deilbh, GETTY IMAGES

Nuair a bheir sinn sùil air na figearan airson Bodach an Stòirr chì sinn gu bheil an àireamh dhaoine a tha a' tadhal air a dhol suas 50,000 bho 2019 gu an-uiridh.

Ged is iad an t-Iuchar agus an Lùnastal fhathast na mìosan as trainge, tha e inntinneach cuideachd a bhith a' coimhead ris na mìosan nas tràithe agus nas fhaide den bhliadhna.

Tha an àireamh a tha a' tadhal anns an t-Sultain suas còrr is 30% - agus tha an àireamh dhaoine a tha a' tadhal anns a' Mhàrt air dùblachadh.

Cuideachd, nuair a thig e chun an eilein air fad, tha beachd ann nach fhada tuilleadh chun na bliadhna far am faic sinn millean duine a' tadhal air an eilean seo.

Simon CousinsTùs an deilbh, SkyeConnect
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Simon Cousins aig SkyeConnect an dùil nach fhada gus am faicear millean duine sa bhliadhna a' tadhal air an eilean

"Saoilidh mi, gun teagamh a thaobh trend dheth, tha e coltach gur ann an rathad sin a tha e a' dol," thuirt Simon Cousins, a th' fear de stiùirichean SkyeConnect, a tha ag amas air turasachd a bhrosnachadh 's a cho-òrdanachadh san Eilean Sgitheanach is Ratharsair.

"Ma thèid sinn air ais dhan chiad phìos de rannsachadh mhionaideach a rinneadh le Ionad Moffat ann an 2019, bha sinn a' coimhead ri mu 650,000 duine a' tadhal an uair sin.

"'S e am figear airson 2023 857,000 duine - àrdachadh 19% bliadhna air bliadhna.

"Chunnaic sinn àrdachadh 35% aig an Stòrr bliadhna air bliadhna, 24% aig a' Chuith-Raing agus 15% aig Glumagan nan Sìthichean.

"Theirinnsa mar sin gu bheil sinn a' teannadh air millean duine, ach cha bhi dearbhadh againn air sin greis fhathast."

Allt Coire na Creiche ('Glumagan nan Sìthichean')Tùs an deilbh, GETTY IMAGES
Fo-thiotal an deilbh,

Thàinig àrdachadh 15% air na tha a' tadhal air 'Glumagan nan Sìthichean' (Allt Coire na Creiche)

Ma thig an là sin bidh beachd ga thoirt às ùr air bun-structar agus rathaidean an eilein 's a bheil iad a' freagairt air na tha siud de dhaoine.

Ach le barrachd is barrachd luchd-turais ann nas fhaide den bhliadhna, tha cuid de ghnothachasan a-niste a' fuireach fosgailte nas fhaide mar an ceudna.

Luchd-turais ann am Port RìghTùs an deilbh, GETTY IMAGES
Fo-thiotal an deilbh,

Tha cuid de ghnothachasan san eilean a-niste a' fuireach fosgailte fad na bliadhna

"Am-bliadhna dhùin mi dìreach airson an Fhaoillich, agus bha mi fosgailte fad na bliadhna," thuirt Ealasaid Munsie, a tha a' ruith bùth bheag air a bheil Skye Cakes ann am Port Rìgh.

"'S tha mi a' smaoineachadh, an seusan seo, an aon rud. Nì mi a-rithist e.

"Tha measgachadh (de luchd-turais agus muinntir an àite) ann fad a' gheamhraidh.

"Tha mise a' dèanamh cheicichean airson colàithean-breith is bhainnsean 's rudan mar sin, so tha mi gu math fortanach.

"Gu math tric tha tòrr dhaoine ann - gu h-àraid nuair a tha na busaichean a' tighinn a-steach aig an aon àm.

"Tha e a' fàs gu math trang, ach tha thu a' fàs eòlach air. Chan urrainn sinn a bhith a' gearain!"

B' fheàirrde an luchd-gnothachais saor-làithean iad fhèin uaireigin.

"Tha sinn feumach air fois cheana, 'son nuair a tha sinn a' bruidhinn mu dheidhinn, na tha de dh'fhosailean agus de dh'eachdraidh a tha ceangailte ris an àite seo a h-uile là den t-seachdain tha e gu math sgìtheil," thuirt Dùghall Ros, aig Taigh-tasgaidh nan Dìneasairean.

"Bidh feadhainn a' cantail 'nach ann agad a tha an obair shoirbh!' - ach chan e!"