Glaschu 850

Abhainn ChluaidhTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

'S e bliadhna mhòr a th' ann an 2025 do Ghlaschu agus am baile a' comharrachadh 850 bliadhna bho chaidh a stèidheachadh.

B' e càirt rìoghail ann an 1175 a thug cead 'son inbhe baile a bhuileachadh air Glaschu is a dh'fhàg gun do dh'fhàs e mar àite a bha glè chudromach gu h-eaconamach.

Tha tachartasan air a bhith a' leantainn fad na bliadhna gus a' chlach-mhìle a chomharrachadh.

Chaidh cuirm mhòr a chumail aig Celtic Connections; chaidh cèilidh sràide a chur air dòigh ann am meadhan a' bhaile; bha cothroman ann ionnsachadh mu eachdraidh Ghlaschu; agus chaidh tachartasan bliadhnail leithid Piping Live a leudachadh gu sgìrean eile. Is chan eil an sin ach pàirt de na th' air a bhith a' dol.

Glaschu ann an 1971.Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Sealladh à Glaschu aig toiseach nan 1970an is na crainn mhòra air Chluaidh àrd os cionn a' bhaile

Tha BBC Naidheachdan gu bhith a' comharrachadh ceann-bliadhna Baile Mòr nan Gàidheal le prògram sònraichte feasgar Dihaoine.

Bidh Aithris an Fheasgair shònraichte beò fad uair a thìde bho 5f ri taobh sealladh cho ainmeil 's a th' ann an Glaschu - Abhainn Chluaidh.

Tha an abhainn aig cridhe sgeulachd a' bhaile. 'S i a thug fàs do ghnìomhachas gàrraidhean-iarainn Ghlaschu, a bh' aig teis-mheadhan fàis eaconamaich. Agus ged a tha an gnìomhachas sin air atharrachadh gu mòr thar nam bliadhnaichean, tha an abhainn fhathast mar phàirt mhòr de dhearbh-aithne Ghlaschu agus bidh i aig cridhe na strì an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde.

A thuilleadh air Aithris an Fheasgair, bidh sinn cuideachd a' coimhead air suidheachadh Ghlaschu air An Là - eadar Diardaoin agus Disathairne - agus an seo fhèin air làrach BBC Naidheachdan.

Dachaigh a' BhBC air Chluaidh.Tùs an deilbh, PA

Bidh sinn a' toirt sùil air ais air eachdraidh a' bhaile.

Cluinnidh sinn mar a chaidh a stèidheachadh; mar a dh'fhàs na gàrraidhean-iarainn; mar a tha cruth a' bhaile air atharrachadh, agus mu eachdraidh a' bhuill-choise.

Ach bheir sinn cuideachd sùil air adhart agus nì sinn beagan meòrachaidh air na dh'fhaodadh a bhith san amharc.

Cluinnidh sinn mu na h-atharraichean a tha air fàire a thaobh bun-structair; cothroman a tha ri fhaotainn ann an saoghal a' chiùil, agus na tha san amharc a thaobh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, a chaidh a stèidheachadh ann an Glaschu bho chionn 40 bliadhna.

Gàidheil òga an Glaschu
Fo-thiotal an deilbh,

Gheibh sinn beachd bho Ghàidheil òga an Glaschu

Bidh aoighean còmhla rinn 's iad a' toirt seachad am beachd air a' bhaile, na rudan a tha tarraingeach mu dhèidhinn agus na cothroman a tha a' tighinn an lùib a bhith a' fuireach ann.

Ach mar bhaile mòr sam bith, tha trioblaidean gu leòr a' leanntainn ann an Glaschu agus bithear a' beachdachadh air na leasachaidhean a bu mhath leotha fhaicinn gus am baile a ghluasad air adhart.

Cluinnidh sinn anns a' phrògram shònraichte cuideachd mu na tha sgoilearan Bun-sgoil Bhaile a' Ghobhainn a' smaoineachadh a tha an dàn do Ghlaschu ann an 850 bliadhna eile.

Chan fhaic duine againn an là sin ach cò aig a tha fios - 's dòcha gun tèid a lorg ann an tasglann a' BhBC aon là agus gun toir na beachdan a nochd aig comharrachadh 850 gàire air ròbot air choireigin a bhios a' fuireach ann an Glaschu.