Órla cho faisg air prìomh dhuais a' Ghreat British Sewing Bee

- Air fhoillseachadh
Cha deach le oileanach òg à Inbhir Nis an tiotal fhaighinn mar am fuaighealaiche amaitearach as fheàrr am Breatainn, ged a chaidh moladh mòr a dhèanamh oirre.
Bha Órla, 19, air faighinn troimh dhan chuairt dheireannaich de dh'fharpais a' BhBC The Great British Sewing Bee a chaidh a chraoladh oidhche Mhàirt.
Bha i am measg an dusan a thòisich le dòchas san Iuchar san 11mh sreath den phrògram.
Bha dithis eile, Caz agus Yasmin, cuideachd air an ìre mu dheireadh a ruighinn, agus 's i Caz - dìreach - a shoirbhich.
Tha na sgilean aig Órla air mòr-mholadh fhaighinn bho na britheamhan, Patrick Grant agus Esme Young, agus rinn i a' chùis sa chiad fharpais à trì sa chuairt dheireannaich.
Na farpaisich ag amas air prìomh dhuais an Great British Sewing Bee
Rinn na britheamhan moladh air "Big Órla Energy" a thug i dhan chuairt dheireannaich.
Air a' cheann thall ge-tà, 's e na rinn Caz a bu mhòtha a chòrd ris na britheamhan is i a' buannachadh na duais, ged a bha Patrick is Esme ag ràdh gur e co-dhùnadh fìor dhoirbh a bh' ann is na farpaisich aig àrd-ìre.
Bhruidhinn Órla ri BBC Naidheachdan san Iuchar nuair a thàinig an naidheachd a-mach gum biodh i am measg nam farpaiseach am-bliadhna.
Mhìnich i gun robh i a-riamh air smaoineachadh gur e rud a chòrdadh rithe a bhiodh ann.
"Bha mi ceart - bha e cho spòrsail! Chan eil cuimhne agam air tòrr dheth oir bha e cho intense!"
Mus deach am prògram mu dheireadh a chraoladh cha robh cead aig na farpaisich cus a ràdh mu mar a chaidh dhaibh.
A-nis, tha saorsa aca bruidhinn gu poblach agus cluinnear bho Órla air Aithris na Maidne air BBC Radio nan Gàidheal madainn Diciadain.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 19 uairean