Aithne airson Na Dorsan

Na DorsanTùs an deilbh, Ralph Tonge Photography
  • Air fhoillseachadh

Tha carragh-chuimhne ann an sgìre Oighreachd Ghabhsainn an Leòdhas a tha a' comharrachadh 100 bliadhna de strì an fhearainn air a' gheàrr-liosta 'son duais cliùitich aig ìre na Rìoghachd Aonaichte.

'S e Na Dorsan an aon ìomhaigh Albannach a tha air a' gheàrr-liosta 'son Duais Marsh 'son Sàr-Mhaitheis ann an Ìomhaigh Phoblach aig a' bhuidhinn am PSSA.

'S iad an luchd-ealain Will MacIllEathain agus Marian Leven a dhealbh Na Dorsan.

Bha iad roimhe air cliù a chosnadh airson carraighean-cuimhne an Iolaire agus an Sùileachan.

Na DorsanTùs an deilbh, Ralph Tonge Photography

Ann an 1924 bha 52 teaghlach air croitean is dachaighean ùra fhaighinn ann am Mealbost, Gabhsann a Deas agus Gabhsann a Tuath, mu 60 bliadhna an dèidh mar a chaidh daoine fhuadach às na bailtean sin.

Chaidh Na Dorsan a thogail gus comharrachadh 100 bliadhna bhon uairsin agus mar a chaidh an oighreachd ann an làmhan nan daoine ann an 2007.

Thuirt Urras Oighreachd Ghabhsainn gu bheil iad "air an dòigh" a bhith air a' gheàrr-liosta còmhla ri ceithir ìomhaighean eile is gur e urram mòr a th' ann dhaibh.

Bidh bhòt phoblach ann a-nise air-loidhne chun a' 5mh den Dàmhair.

Chìthear a' gheàrr-liosta gu lèir an seo, taobh a-muigh.