Trusaidh BPA beachdan mu chroitearachd san Eilean Sgitheanach

Flòdaigearraidh
  • Air fhoillseachadh

Tadhlaidh comataidh bho Holyrood air coimhearsnachdan croitearachd anns an Eilean Sgitheanach air an deireadh-sheachdain seo.

Thèid buill bho Chomataidh nan Cùisean Dùthchail 's nan Eilean gu ceithir croitean anns an eilean mar phàirt den sgrùdadh aca air Bile na Croitearachd agus Cùirt an Fhearainn.

Tha a' chomataidh ag ràdh gu bheil iad airson bruidhinn gu dìreach ri croitearan mun bhuaidh a dh'fhaodadh am bile a thoirt air coimhearsnachdan croitearachd.

Mairidh an turas dà là agus coinnichidh iad ri croitearan ann an iar-thuath agus ear-dheas an eilein - feadhainn le stoc agus feadhainn a tha a' coimhead às dèidh choilltean.

Cluinnidh iad cuideachd bho chroitear òg.

'S e neach-gairm na comataidh, Fionnlagh Carson BPA, a bhios os cionn na buidhne.

Còmhla ris, bidh na buill Aasdair Allan BPA, Ariane Burgess BPA agus Rhoda Ghrannd BPA.

Thuirt Mgr Carson gu bheil e cudromach faighinn a-mach dè an suidheachadh a th' aig croitearan an-dràsta, agus ciamar a lùigeadh na croitearan fhèin piseach a thoirt air cùisean.

Thuirt e: "Tha sinn ag aithneachadh gur dòcha gum bi leasachadh nas bunaitiche a dhìth a thaobh laghan croitearachd anns an àm ri teachd, ach gum feum gnìomh a nì feum agus a chuireas dìon air roinn na croitearachd a thighinn às a' bhile.

Tha e na amas lagh croitearachd a dhèanamh nas sìmplidh leis a' bhile.

Tha mar a gheibh daoine air tòiseachadh ann an croitearachd agus cleachdadh talamh ionaltraidh am measg nan nithean eile a tha fon phrosbaig.