Cuairt chòraichean fearainn a' tòiseachadh

- Air fhoillseachadh
Tòisichidh buidheann de luchd-iomairt a' coiseachd eadar an t-Eilean Sgitheanach agus Glaschu an-diugh airson aire a thogail do chòraichean fearainn ann an Alba.
Tha Grassroots to Global, a th' air cùlaibh "Just Walk", a mhaireas trì seachdainnean, an dòchas tarraing air dìleab nan croitearan a sheas aig na h-uachdarain aig àm Strì an Fhearainn, a thuilleadh air iomairtean eile san 20mh linn leithid an Jarrow Crusade ann an 1936, agus na Marches for Jobs ann an 1981 agus 1983.
Tha dùil gum bi co-dhiù 70 duine a' gabhail pàirt ann. Fàgaidh iad an t-Àth Leathann, a' coiseachd tro Chnòideart, Gleann Fhionnain, Baile a' Chaolais is Gleann Comhann, mus gabh iad Slighe Thaobh Siar na Gàidhealtachd gu Carbeth agus air adhart gu Glaschu air an t-7mh là den Dàmhair.

Air an t-slighe, thèid bruidhinn ri coimhearsnachdan mu chùisean co-cheangailte ri siostam fearainn na h-Alba.
"A dh'aindeoin iomairtean a bh' ann roimhe, tha trioblaidean mòra fhathast le siostam seilbh an fhearainn ann an Alba, agus sinn a-niste a' faicinn chompanaidhean mòra ionmhais a' ceannach oighreachdan mòra," thuirt David Lees, bhon bhuidhinn.
"Leis a' chaismeachd seo, thèid againn air aire a thogail dhan ana-ceartas a tha seo, agus gu siostam sa bheil coimhearsnachdan gu tric air am fàgail a-mach à co-dhùnaidhean mun fhearann air a bheil iad a' fuireach."
Bidh luchd-iomairt fearainn dùthchasach à Ceinia agus Canada còmhla ris a' bhuidhinn, agus thèid earrainnean den dealbh-chluich "The Chariot, The Flag, and the Empty, Empty Houses" le Daniel Cullen a thaisbeanadh anns na h-uimhir de choimhearsnachdan air an t-slighe.
"Bha an dealbh-cluich sin a' dèiligeadh ri tòrr de na cùisean a tha an sàs an seo, eadar màl-goirid, sealbh fearainn agus crìonadh na Gàidhlig," thuirt Mgr Lees.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 7 làithean
- Air fhoillseachadh5 An t-Sultain
- Air fhoillseachadh26 Am Màrt