"Tha mi air mo dhòigh!" - Duaisean Litreachais na Gàidhlig

Petra Johana Poncarova
  • Air fhoillseachadh

Chaidh Duais Dhòmhnaill Meek airson an neo-fhicsean as fhèarr aig Duaisean Litreachais na Gàidhlig a bhuileachadh air Petra Johana Poncarova airson cruinneachadh roisg Gàidhlig le Ruairidh MacThòmais - air a bheil An Staran.

Bha ciurm nan duaisean ann ann an Glaschu oidhche Mhàirt.

Bha Ruairidh MacThòmais aithnichte mar bhàrd, ach cuideachd mar stèidhiche na h-iris Gàidhlig "Gairm".

Thug Petra na h-earrainnean roisg aige à Gairm.

"Tha mi air a bhith trang le Ruairidh MacThòmais fad dusan bliadhna," thuirt i.

"Rinn mi mo PhD air a' bhàrdachd phoilitigeach aige, agus aig an àm seo bha mi a' dol tro Ghairm air fad - gach àireamh a nochd ann an clò.

"Mhothaich mi cho math 's a bha e mar sgrìobhadair roisg a bharrachd air a' chomas a bh' aige mar bhàrd," thuirt i.

Tron rannsachadh a rinn i fhuair i dealbh nas coileanta air MacThòmais na bh' aice roimhe.

"Dh'ionnsaich mi barrachd mu na h-ùidhean a bh' aige ann an sgrìobhadairean eile mar eisimpleir William Butler Yeats, no Edwin Muir, agus sgrìobhadairean Albannach eile," thuirt i.

"Mu bheatha MhicThòmais, agus mu na beachdan a bh' aige air poileataigs na h-Alba, poileataigs eadar-nàiseanta, blàthachadh na Cruinne, ball-coise agus iomadh cuspair eile!"

Duaisean eile

Tha dùil aig Petra leabhar bàrdachd fhoillseachadh uaireigin fhathast.

'S e rud sònraichte a th' ann dhi duais Dhòmhnaill Meek fhaighinn.

"Thairis air na bliadhnaichean dh'ionnsaich mi fhìn tòrr bho na leabhraichean a dheasaich Dòmhnall Meek, agus a sgrìobh e fhèin, bho na h-aistidhean agus caibidealan, agus mar sin tha mi dìreach air mo dhòigh!"

Bhuannaich Crìsdean MacIlleBhàin duais Ruairidh MhicThòmais leis an leabhar aige 'Athair/Father'.

Fhuair Graham Cooper Duais Chomann Gàidhealach Lunnainn 'son an fhicsean as fhèarr leis an leabhar aige Am Prionnsa.

Bhuannaich Mòrag Stiùbhart duais 'son an leabhair as fhèarr do chloinn leis an eadar-theangachadh - Na Mailghean Millteach.

Chaidh duais 'son an Làmh-sgrìobhainn do chloinn as fheàrr a bhuileachadh air Mòrag Ana NicNèill, airson na sgeulachd - Somhairle Nach Gabhadh Comhairle.

Bhuannaich Tim Armstrong an làmh-sgrìobhainn as fhèarr do dh'inbhich leis an sgeulachd - An Luingeas Dorcha air Fàire.