Dithis fo chasaid às dèidh do choin eagal a chur air caoraich

CaoraichTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chaidh dithis aig an robh coin a chur an greim agus a chur fo chasaid co-cheangailte ri eagal a chur air caoraich air Taobh Sear Rois.

Chaidh grunn chaorach a ghoirteachadh agus bhàsaich còig dhiubh sin às dèidh an tachartais faisg air sgoile ann am Baile a' Chnuic, faisg air Baile an Todhair.

Dh'obraich Poileas Alba an an co-bhonn ri Comhairle na Gàidhealtachd airson a'chùis a rannsachadh.

Agus mar thoradh air sin, chaidh fireannach, 33 bliadhna de dh'aois agus boireannach, 32, a chur an greim.

Tha feadhainn aig an robh trì chon cuideachd air òrdugh smachdachaidh chon fhaighinn bhon ùghdarras ionadail, le cùmhnantan gum feum iad na coin aca a chumal air iall.

Thuirt an Sgt Mike Gaillie gum faodar binn phrìosain a dho air daoine nach eil a' cumail nan con aca fo smachd.

"Tha e an urra ris na daoine aig a bheil na coin dèanamh cinnteach gu bheil iad fo smachd nuair a tha iad faisg air crodh is caoraich.

"Chan e na beathaichean a-mhàin a bhios a' fulaing, ach nì e cron nach beag cuideachd air a'ghnothachas a tha aig tuathaich", thuirt e.