An tinneas ME: "chan eil tuigse aig daoine"
- Air fhoillseachadh
Tha an tinneas ME a' toirt buaidh air mu 250,000 duine san Rìoghachd Aonaichte ach tha mòran a' faireachdainn gur e tinneas a th' ann a th' air a dhol an dìochuimhne.
Tha daoine air an robh, is air a bheil an tinneas, agus luchd-rannsachaidh ag aontachadh gum bu chòir barrachd taic a bhith air a thoirt seachad airson tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh airson gum faighear leigheas air a shon.
Chaidh aire dhaoine a thogail às ùr chun an tinneis - air a bheileas cuideachd a' gabhail Chronic Fatigue Syndrome - an dèidh rannsachadh bàis Maeve Boothby O'Neill o chionn ghoirid.
Bhàsaich ise leis an tinneas bho chionn trì bliadhna 's gun i ach dìreach 27.
Thuirt an coronair an sàs sa chùis gun robh cion chùraim shònraichte ann do dhaoine a tha a' fulang leis an tinneas, agus nach robh trèanadh do dhotairean airson dèiligeadh ri euslaintich le ME ach gann a bharrachd.
Tha Connie NicThòmais, a tha a' fuireach ann an Leòdhas, air a bhith a' fulang le ME fad iomadh bliadhna.
"Cha d' fhuair mise riamh seachdain - là fiù 's - far an robh mi a' faireachdainn mar a bha mi uaireigin," thuirt i.
"Dh'fhàg e dìreach rud orm fad mo bheatha bho 1991.
"Cha d' fhuair mi là dha-rìribh nach robh mi a' faireachdainn rudeigin.
"Bidh mi a' faighinn tòrr sgìths - sgìths nach gabh facal a chur air dha-rìribh.
"Agus an uair sin cràdh, 's ceann goirt, IBS, agus ceò inntinn. Cha bhi cuimhne agad air an ainm a th' air daoine 's cha chuimhnich thu càite an do dh'fhàg thu an càr agad 's cà bheil na h-iuchraichean 's rudan mar sin.
"Agus bidh thu a' faireachdainn nausea, do chnàmhan cho goirt, at - och tha tòrr rudan ann."
Tha buaidh an tinneis cho eadar-dhealaichte bho dhuine gu duine 's nach eil e furasta dearbhadh gur e ME a th' orra.
"Ma tha thu eòlach air 200 duine, thèid mi an urras gu bheil thu eòlach air cuideigin air a bheil ME," thuirt an t-Oll Chris Ponting, à Oilthigh Dhùn Èideann, a tha an sàs ann a bhith a' rannsachadh an tinneis.
"Ach seo an rud - 's dòcha nach innis iad dhut, ri linn an stigma.
"Tha an stigma a' fàgail gu bheil mòran dhaoine nach eil air an tuigsinn, nach eileas ag èisteachd riutha, agus nach tèid aire cheart a thoirt air na comharran a th' aca.
"'S e suidheachadh uabhasach a tha sin, agus tha na daoine sin gu tric air dòchas a chall.
"Oir chan eil rannsachadh ga dhèanamh a tha ag innse dhaibh gum bi leigheis ann uaireigin fhathast," thuirt e.
Cha robh Calum Iain MacLeòid ach air a bhith trì bliadhna na mhinistear ann an Leòdhas nuair a dh'fhairich e gun robh an tinneas airsan.
"Bha mi a' cuimhneachadh air ais air na làithean dorcha a bha sin nuair a bha mi far m' obair agus mi a' faireachdainn cho truagh, cho lag agus dìreach claoidhte.
"Bha a h-uile càil a bh' ann cho, mar gum biodh, neo-ghoireasach, agus cha robh taic ann - cha robh tuigse agus eòlas aig daoine.
"Chan eil fhios agamsa a bheil sin air atharrachadh mòran an-diugh.
"'S e trioblaid duilich a th' ann a mhìneachadh. Tha a h-uile duine eadar-dhealaichte," thuirt e.
Ged a chaidh rannsachadh a dhèanamh thar nam bliadhnaichean tha tuilleadh a dhìth.
"An-dràsta, cha tèid ach £2 no £3 a chosg gach bliadhna air rannsachadh airson gach duine air a bheil ME," thuirt an t-Oll. Ponting.
"Aig a' cheart àm, tha tinneasan eile ann a dh'fhaodadh tu a ràdh nach eil cho trom air daoine agus tha a dheich uimhir ga chosg gach duine sa bhliadhna.
"Feumaidh sinn faighneachd carson a tha sin?
"'S e fear de na h-adhbharan 's dòcha, gu bheil boireannaich nas dualtaiche a bhith fo bhuaidh an tinneis na tha fireannaich.
"Agus boireannaich nas sine barrachd na boireannaich nas òige.
"Mar sin tha dealachadh eadar daoine a tha a' dèanamh phoileasaidhean - a tha gu tric nam fireannaich agus nas òige - 's iad gun tuigse air na tha daoine nas sine - agus boireann - a' fiosrachadh, agus na daoine sin gu mòr nas dualtaiche dearbhadh fhaighinn gu bheil ME orra," thuirt e.
Tha dùil gum foillsich Riaghaltas Westminster am plana as ùire aca airson ME ro dheireadh na bliadhna seo.
Tha Connie, agus mòran coltach rithe, an dòchas gum bi barrachd taice ann airson tuilleadh rannsachaidh mun tinneas.
"'S e daoine air dìochuimhne a th' annta dha-rìribh," thuirt i.
"O chionn chan eil duine ag èisteachd.
"Bidh iad ag ràdh - tha mise gu math fortanach, cha tuirt iad seo riumsa ann - ach bidh daoine a' faighinn "oh tha e uile nad cheann, nad mhac-meanmhainn. Oh tha thu a' coimhead cho math. Seall cho math 's a tha thu a' coimhead".
"Is chan eil guth aca air èisteachd riut ciamar a tha thu a' faireachdainn.
"Bu chòir dhaibh a bhith a' cur barrachd airgid ann - gu h-àraid a-niste agus iad a' cur airgid ann an Covid Fada.
"Tha mi a' smaointinn gu bheil an t-àm aca a bhith a' dèanamh sin airson daoine le ME cuideachd."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 5 làithean