Tiomnadh Gàidhlig Gallipoli
- Air fhoillseachadh
Na shuidhe ann an truinnse aig Gallipoli, sgrìobh saighdear às an Eilean Sgitheanach an tiomnadh aige air duilleig leabhrain sa Ghàidhlig.
Tha an tiomnadh an-diugh am measg còrr air 26,000 tiomnadh shaighdearan a tha gan glèidheadh le Clàran Nàiseanta na h-Alba - glè bheag aca nach eil sa Bheurla.
Tha an duine a sgrìobh e air a thiodhlaigeadh fo chloich le snaigheadh sa Ghàidhlig oirre ann an dùthaich chèin.
Tha ainm cuideachd a' nochdadh - sa Bheurla mar Donald MacSwan - air dà chuimhneachan cogaidh air Ghàidhealtachd.
B' esan Dòmhnall MacSuain, à Bhatarnais san Eilean Sgitheanach.
Rugadh Dòmhnall air an 8mh là den Iuchar 1892, ann an Steinn, Bhatarnais, do Sheonaidh MacSuain a bha na mharsantach, agus a bhean Mòrag (née Pheutan).
Bha dithis pheathraichean na bu shine aige - Anna agus Màiri - agus dithis pheathraichean is bràthair a bha na b' òige na esan - Agnes, Seonaidh agus Ceiteag.
A rèir a' chunntais-shluaidh ann an 1901 bha an teaghlach a' fuireach aig 1 Gesto Place le mhàthair, an còignear chloinne eile agus antaidh dha.
Bha athair air falbh air là a' chunntais fhèin a' cosnadh - bha esan na iasgair agus bha e cuideachd a' ruith bùtha mus do rugadh Dòmhnall.
B' e fiosrachadh a bha sin a thàinig am bàrr le rannsachadh a rinn tè Veronica Schreuder aig Clàran Nàiseanta na h-Alba.
Thàinig i tarsainn air fear le ceangal teaghlaich, Coinneach MacIllinnein, a bh' air leabhar a sgrìobhadh mu thè san teaghlach.
Bha Clàran Nàiseanta na h-Alba airson faighinn a-mach mu dheidhinn 's iad a' taisbeanadh tiomnadh Dhòmhnaill air thoiseach air Là Cuimhneachaidh.
Bha Dòmhnall air gabhail san Arm - Saighdearan Coise Aotrom na Gàidhealtachd - san Dùbhlachd 1913.
Bha siud an dèidh dha a bhith ag obair na chonductair air tramaichean Ghlaschu.
An dèidh don Chogadh Mhòr tòiseachadh anns an Lùnastal 1914, air a' cheann thall chaidh Dòmhnall a chur a Ghallipoli.
Coltach ri mòran shaighdearan, bha e air tiomnadh a sgrìobhadh air duilleig san leabhar phàighidh aige a bh' air a comharrachadh airson sin.
Chan eil e soilleir dè thug air seo a sgrìobhadh sa Ghàidhlig - ged a bhiodh e reusanta gu leòr sin a dhèanamh gun teagamh, cha robh e cumanta aig an àm, agus gu dearbha, chan eil e cumanta san là an-diugh a bharrachd.
"Tha e gu math neo-àbhaisteach theirinnsa gum biodh tiomnadh saighdeir on àm seo air a sgrìobhadh sa Ghaidhlig," thuirt Veronica Schreuder.
"Tha còrr air 26,000 tiomnadh againn bho shaighdearan Albannach àbhaisteach 's faodar am faicinn air làrach-lìn Scotland's People, taobh a-muigh agus 's e seo fear de ghlè bheag as aithne dhuinn a tha sa Ghàidhlig. Tha an còrr sa Bheurla.
"Chan eil sinn cinnteach dè thug air Dòmhnall an tiomnadh a sgrìobhadh sa Ghàidhlig - co-dhiù b' ann gus an tuigeadh a theaghlach na bu mhiann leis na b' fheàrr no gun robh e na bu chofhurtail a' sgrìobhadh sa Ghàidhlig.
"Ach 's e tiomnadh cudromach agus sònraichte a tha seo a tha sinn a' glèidheadh."
Tha fhios againn le cinnt gun robh a' Bheurla aig Dòmhnall.
Aig an àm ge-tà, bha àireamh nach beag de dhaoine gun Bheurla idir ann an Alba.
Eadar na cunntasan-sluaigh ann an 1911 agus 1921 thuit an àireamh sin 46%, bho 18,400 gu dìreach 9,829.
Tha dùil gur e an cogadh fhèin a bu choireach gu ìre mhòir.
Ann an 1921 bha 148,950 duine an Alba a bhruidhneadh an dà chànan.
Sgrìobh fear Dòmhnall Iain Caimbeul, à Bhatarnais, leabhran mu na fir a th' air ainmeachadh air a' chuimhneachan chogaidh, agus e a' feuchainn ri cuimhne a ghlèidheadh air dualchas sgìre anns a bheil an sluagh air atharrachadh gu mòr.
Anns an leabhran tha dàn a chaidh a sgrìobhadh mu dheidhinn Dòmhnaill, mun ionndrainn a bh' aig a' bhàrd, a bha na charaid dha, air nuair a dh'fhalbh e a Ghallipoli, 's gun robh boireannach a' feitheamh ris a bhith a' tilleadh.
Cha do thill e ge-tà.
"Cha d' fhuair e mòran beatha ann," thuirt Mgr Caimbeul.
"Ach tha e coltach gum biodh e fhèin a' sgrìobhadh bàrdachd.
"'S e gille steady a bh' ann. Chì thu air an tiomnadh aige gun robh e a' toirt airgid seachad nuair a bha e aige gu càirdean 'son an cuideachadh.
"Agus tha an tiomnadh aige a' studaigeadh air athair, gum biodh athair air a choimhead às a dhèidh, 's a phiuthair.
"Cha chreid mi nach b' e duine gasta a bh' ann."
Cha b' e duine de bheag-stòras a bh' ann an Dòmhnall, agus an tiomnadh aige a' sealltainn gun do dh'fhàg e dìleab £45 2s 8d - timcheall air £4,000 ann an airgead an là an-diugh. Bha e air dèanamh glè mhath dha fhèin, shaoileadh tu.
"Ma bhasaichis mise tha mi fhagail mo chuid aig m' athair airson a bhi ag fein agus Mhairi. Ma bhithis Ruary Geary air son an aire a thoirt air nuair nach bhi e comasach air a shon fein bheir m' athair do Ruary uiread sa a tha e comasach de m' airigod, se sin ma bhithis m-athair deonach agus gu bhi Ruary deonach air a cumail oir tha e cur curam mor orm air son mathair nuair a bhithis e fas seann"
Air an 25mh là den t-Samhain 1915, chaidh Dòmhnall a mharbhadh aig Achi Baba, am prìomh shuidheachadh ann an loidhne dìon nan Ottomanach aig Gallipoli.
Chaidh a thiodhlaigeadh aig Cladh Pink Farm ann an Helles.
Air clach na h-uaghach aige, tha Gàidhlig: IS BEANNAICHTE NA MAIRBH A GHEIBH BÀS ANNS AN TIGHEARNA.
Bha e 23.
Gu mì-fhortanach, cha deach cùisean mar a bha Dòmhnall air iarraidh san tiomnadh aige, agus an uncail aige, Ruairidh, a bha e an dòchas a choimheadadh an dèidh athar, air fàs tinn.
Chuidich athair Dhòmhnaill cùram a thoirt do Ruairidh, ach bhàsaich e san Dùbhlachd 1918 ann am Bhatarnais le aillse.
Ghluais Seonaidh MacSuain gu Bad Call ann an Dùn Dòmhnaill air taobh siar Rois far an robh e ag obair mar mhiseanaraidh dhan Eaglais Shaoir. Bha a bhean aige, Mòrag, air bàsachadh ann an 1908.
Bhàsaich Seonaidh fhèin ann an 1939.
Bha Dòmhnall air airgead a thoirt air iasad do chàirdean, agus thuirt e san tiomnadh aige gun robh e an dòchas gum biodh na càirdean sin deònach an t-airgead a thoirt dha athair airson a chuideachadh, nam biodh sin comasach dhaibh.
B' e fear den fheadhainn a chaidh ainmeachadh san dòigh seo san tiomnadh, Murchadh MacIllEathain, co-ogha Dhòmhnaill.
Thug e iasad £8 dha ann an 1912 airson a chuideachadh eilthireachd a dhèanamh gu Canada.
Thill Murchadh dhan Roinn Eòrpa sa Chogadh Mhòr a shabaid còmhla ris an 10mh Battalion, Coisridh Chanadianach.
Chuir e seachad ùine ann an Sasainn agus an dèidh sin ann am Bhatarnais còmhla ri a mhàthair 's an teaghlach aige.
Thill e gu Canada ann an 1920 air an SS Casandra còmhla ri a cho-ogha Agnes, piuthair Dhòmhnaill, agus rinn e beatha mhath dha fhèin, a' dol na Mhèar agus na Mhaighstir Puist ann am baile Morden, Manitoba.
Anns an tiomnadh aige a th' air a ghlèidheadh le Clàran Nàiseanta na h-Alba, tha criomag chudromach de bheatha ghoirid Dhòmhnaill.
Na làmh-sgrìobhadh fhèin, agus na chànan fhèin - a bha gu follaiseach cudromach dha - chuir e an cèill miann gu dùbhrachdach, agus le co-fhaireachdainn do shuidheachadh chàich, gun deadh na bh' aige de stòras a chleachdadh gus athair agus a phiuthair a chuideachadh.
Nuair a chaidh cuimhneachan cogaidh a stèidheachadh ri taobh Loch Bhraoin, far an robh athair Dhòmhnaill, Seonaidh, air a dhol na mhiseanaraidh, chaidh ainm Dhòmhnaill a chur am measg nan ainmean de dh'fhir na sgìre a bh' air am beatha a chall sa Chogadh Mhòr.
Tha ainm cuideachd air a' chuimhneachan air a' Chreagan Bhòidheach ann am Bhàtarnais.
Ged is fhada thall san Tuirc an uaigh aige, mhair cuimhne air an Sgitheanach òg seo aig an taigh.
B' e a' chuimhne sin an cuibhreann a b' fhaide a fhuair e de bheatha.