'Barrachd fiosrachaidh mu aimsir chunnartach' a dhìth do luchd-turais

Luchd-coiseachd air Beinn NibheisTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Bu chòir barrachd fiosrachaidh mu aimsir chunnartach a bhith aig luchd-turais mus tèid iad a-mach air beanntan na h-Alba 'son an àireamh de dhaoine a tha a' call am beatha a lùghdachadh.

Sin beachd a nochd ann am Pàrlamaid na h-Alba an t-seachdain seo, às dèidh do Sgioba-teasairginn Bheanntan Loch Abair a bhith air an gairm a-mach gu trì tachartasan air Beinn Nibheis tro Stoirm Ashley air a' mhìos seo chaidh.

'S e am-ball Tòraidheach airson Meadhan Alba agus Fìobha, Liz Nic a' Ghobainn a thog an cuspair ann am Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin.

Bha seo a' tighinn às dèidh mar a bha aig Sgioba-teasairginn Bheanntan Loch Abair dèiligeadh le grunn thachartasan air Beinn Nibheis nuair a bha Stoirm Ashley a' bualadh air an sgìre.

Mhol ise gum bu chòir do dh'Alba an eisimpleir a tha aig dùthchannan eile, a leithid na Frainge agus na h-Eilbheis a leantainn.

Bidh taighean-òsta agus gnothachasan turasachd eile ann an sin a' toirt fiosrachaidh agus comhairle gu math mionaideach seachad do luchd-tadhail mun t-seòrsa aimsire a dh'fhaodadh a bhith romhpa ma thèid iad a-mach air na monaidhean.

Thuirt am Ministear a tha an urra ri Cùram Shòisealta, Slàinte Inntinn agus Spòrs, Maree Todd gu bheil Alba aithnichte air feadh an t-saoghail 'son àrainneachd air leth-tarraingeach do luchd-spòrs nam beann.

"Tha Alba aithnichte air feadh an t-saoghail mar àite aig a bheil beanntan aig an ìre as àirde, ach tha sinn airson lùghdachadh air an àireamh de dhaoine a tha a'call am beatha gach bliadhna.

"Tha sinn ag obair ann an co-bhonn ri buidhnean aig a bheil ùidh anns a' ghnothach seo, VisitScotland nam measg, airson cothroman a thoirt do dhaoine ùine a chur seachad air a' bhlàr a-muigh gu sàbhailte", thuirt am ministear.

Gheall i cuideachd gum biodh i dèonach obrachach le buill bho na pàrtaidhean uile airson dèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh a tha ga thoirt do luchd-turais iomchaidh agus ceart.