Murt Shlèite: poilis fo òrdugh gun càr a stad
- Air fhoillseachadh
Chuala an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann Dihaoine mar a lean carbadan poilis càr anns an robh Fionnlagh Dòmhnallach, fad mhìltean, às an Eilean Sgitheanach gu tìr-mòr, gun oidhirp a dhèanamh stad a chur air, an là air a bheil e fo chasaid gun do dh'fheuch e ri John Don MacCoinnich 's a bhean a mhurt nan dachaigh san Dòrnaidh ann an Loch Aillse.
Thathas a' fàgail air Fionnlagh Dòmhnallach gun do mhuirt e aon duine 's gun do rinn e oidhirp air triùir eile a mhurt.
Air an treas là den chùis-lagha an aghaidh Fionnlagh Dòmhnallach, à Tarscabhaig san Eilean Sgitheanach, chualas fianais bho phoilis a bha ag obair air a' mhadainn den 10mh den Lùnastal 2022.
Chualas an toiseach bhon t-Sgt Christopher Tait, a bha stèidhichte ann am Port Rìgh, gun d’ fhuair e fios mu 9:00m. airson a dhol gu Tarscabhaig ann an Slèite agus aithrisean de dh’ionnsaigh le sgithinn, agus às dèidh sin mu ionnsaigh-gunna air tachairt aig taigh ann an Sàsaig.
Ach air an t-slighe sìos Rathad Shlèite chunnaic e Mgr Dòmhnallach a’ dol seachad air, a’ dol an rathad eile.
Thionndaidh an Sgt Tait, airson an càr Subaru Impreza aig Fionnlagh Dòmhnallach a leantainn.
Le Dòmhnallach an uair sin air an A87 a dh’ionnsaigh Drochaid an Eilein Sgitheanaich, thàinig càrbad-poilis eile anns an robh an t-Insp Bruce Crawford.
Gunna
Chuala a' chùirt gun do dh’iarr an t-Inspector Crawford cead airson bacadh-rathaid a chur an-àirde, ach nach d’ fhuair iad cead ann an tìde airson seo a dhèanamh.
Thuirt an t-Insp Crawford cuideachd gun do dh’iarr e cead airson stad a chur air a’ chàr, ach gun deach sin a dhiùltadh le seòmar-stiùiridh nam poileas ann an Dùn Dè, leis gun robh poilis-armaichte air an t-slighe à Inbhir Nis.
Chualas gun do chum Fionnlagh Dòmhnallach a’ dol thar na drochaide, agus a’ dol gu siar ach gun do thionndaidh e dheth aig Dòrnaidh, faisg air Caol Loch Aillse, agus gun deach e gu luath tron bhaile gu taigh anns an robh fear John Don MacCoinnich agus a bhean a’ fuireach.
Chaidh aithris gun tàinig Mgr Dòmhnallach a-mach às a’ char an-sin, agus mus robh na poilis ann bha Dòmhnallach air a dhol suas chun an taighe, far an do loisg e dà thuras tron uinneig.
An uair sin chualas gun deach Fionnlagh Dòmhnallach dhan taigh, ruith an t-Sgt Tait agus an t-Insp Crawford às a dhèidh, ach chuala iad gunna ga losgadh co-dhiù dà uair, is nuair chaidh na poilis a-steach, gun robh Mgr MaCoinnich air an làr agus e air a leòn na mhionnach, is a’ call fala, agus a bhean air a leòn mu a h-aghaidh.
Chualas gun do dh’fheuch na poilis air Dòmhnallach le seòrsa de spràidh phiobair, agus la batan-poilis agus an t-Inspector Crawford ga bhualadh mu a cheann.
Dh’fheuch iad cuideachd ri losgadh air le tasar, agus ged nach do dh’obraich sin a’ chiad turas, dh’obraich an tasar an dàrna turas agus gun do thuit e air an làr an uair sin air a dhruim dìreach, gun deach glas-làimhe a chur air, agus gun robh e air a cheannsachadh.
Clàraidhean fòn
Agus, chuala cuideachd clàraidhean bhon là, is daoine a’ fònadh airson fios a chur air na seirbheisean-èiginn.
Chaidh rabhadh a thoirt do na teaghlaichean mus deach iad sin a chluich, agus chaidh feadhainn dhiubh a-mach airson treiseag.
Chualas còmhradh-fòn bho Rowena Dhòmhnallach bho thaobh a-muigh an taighe aicese agus aig Fionnlagh Dòmhnallach ann an Tarscabhaig.
Bha i na h-èiginn, ag ràdh gun deach a sàthadh, agus clann rin cluinntinn a' sgreuchail agus ag èigheachd "Mammy, Mammy".
Chualas cuideachd còmhradh-fòn bhon taigh aig John MacFhionghain ann an Sàsaig, le tè den chloinne-nighean ag èigheach gun robh a h-athair air an làr, is tòrr fala ann, is gun deach losgadh air le gunna.
Leis an duine aig ceann eile a’ fòn a’ faighneachd cò loisg air, chualas guth bean Mghr MhicFhionghain ag ràdh "Mo bhràthair. Chan eil fhios ‘am carson. Chan eil fhios ‘am carson."
Tha Fionnlagh Dòmhnallach fo chasaid airson aon duine a mhurt, agus gun do dh’fheuch e triùir eile a mhurt air an aon là.
Tha Mgr Dòmhnallach a’ dol às àicheadh nan casaidean gu lèir.
Tha a' chùis a' leantainn.