Naidheachdan 11:00m
- Air fhoillseachadh
Neil Gray
Bheir Rùnaire na Slàinte, Neil Gray, aithris do Phàrlamaid na h-Alba feasgar mu chleachdadh chàraichean an Riaghaltais airson a dhol gu geamaichean ball-coise. Tha feadhainn ga chàineadh-san airson mar a chaidh a thoirt ann an càr le dràibhear a choimhead gheamaichean san robh Obar Dheathain a' cluiche aig Hampden. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh nach robh e a' dèanamh ach a chuid obrach.
Peinnseanan
Bidh tuilleadh fiosrachaidh aig an t-Seansalair, Rachel Reeves, an-diugh mun phlana còrr is 80 de sgeamaichean peinnsein comhairle a chur còmhla. Tha ise ag ràdh gun tarraing sin tuilleadh airgid airson phròiseactan bun-structair. Ach tha dragh air feadhainn gum bi e na chunnart do dh'airgead a tha an tasgadh ann am peinnseanan.
Oilthigh Dhùn Dè
Dh'innis ceannardan Oilthigh Dhùn Dè dhan luchd-obrach nach eil roghainn aca ach cosnaidhean a ghearradh leis gu bheil beàrn £30m romhpa ann an ionmhas na h-ath-bhliadhna. Thuirt am Prionnsabal, Dr Iain Gillespie, gu bheil iad ag ullachadh airson easbhaidh ged a tha iad air cosgaisean a ghearradh mar thà. Thuirt Aonadh Colaiste Acadamaigeach Oilthigh Dhùn Dè, nach robh dùil ri seo an dèidh na chaidh a ghealltainn dhaibhsan ron seo.
Cìs Turasachd
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' beachdachadh an-diugh air plana airson cìs turasachd stèidhichte aig 5%. Tha faisg air deich bliadhna bho bhruidhinn an t-ùghdarras air a leithid an toiseach. Tha e coltach gun togadh a' chìs mu £10m sa bhliadhna, ach tha dragh air cuid gun cuireadh i tilleadh air luchd-turais.
Tuathanaich
Tha eas-aonta ann an Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte mun atharrachadh sa chìs oighre do chuid de thuathanaich. Dh'iarr Roinn a' Bhìdh agus an Àiteachais lasachadh bho na riaghailtean a bha sa bhuidseat, ach dhiùlt Roinn an Ionmhais sin. Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, John Swinney, gu bheil an t-atharrachadh a' dèanamh dragh agus mì-chinnt do thuathanaich ann an Alba.