Obair Oidhche seachad do Niteworks

Niteworks ann an LunnainnTùs an deilbh, Niteworks
  • Air fhoillseachadh

Tha teans nach bi mòran a' cuimhneachadh air 'Dihaoine Dubh' an-uiridh.

Ach 's ann a bhios deagh chuimnhne aig gu leòr a tha measail air ceòl air an là ron sin - an là a dh'innis an còmhlan Niteworks gun robh iad gu bhith a' sguir aig deireadh 2024.

Abair thusa Diardaoin Dubh.

Ged a thàinig an naidheachd mar chlach às an adhair do mhòran, bha Niteworks fhèin cinnteach às.

Chan e luchd-ciùil làn-ùine a bh' annta riamh, mhìnich iad, taobh a-muigh, is le uallaichean is dleasdanasan a bharrachd orra a-nise, bha an t-àm ann sguir.

Chan eil e an còmhnaidh furasta obair là is obar oidhche a chothromachadh, ceart gu leòr.

Is tha sin a' ciallachadh gu bheil turas iongantach a thòisich nuair a bha na balaich ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh bho chionn 17 bliadhna a-nise a' tighinn gu ceann - turas ris nach robh iad fhèin idir an dùil.

"Cha robh sinne a' smaoineachadh nas fhaide na an ath-bhracaist againn 17 bliadhna air ais", tha drumair Niteworks, Ruairidh Greumach ag ràdh.

"Cha robh sinn ach a' cruthachadh a' chiùil an uairsin anns ar seòmraichean leapa.

Tùs an deilbh, Niteworks
Fo-thiotal an deilbh,

Niteworks aig a' chuirm mu dheireadh aca ann an Lunnainn air a' mhìos seo

"Cha robh ro-innleachd againn, cha robh plana còig bliadhna againn no sìon mar sin.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e an t-amas a bh' againn gun robh sinn dìreach ag iarraidh ceòl a chruthachadh a bha a' còrdadh rinne is a bha spòrsail is inntinneach".

'S e sin a rinn iad is chòrd an ceòl a chruthaich iad - measgachadh de cheòl traidiseanta is ceòl eileactronaigeach - le feadhainn anns gach ceàrn.

Anns na bliadhnaichean bhon uairsin tha Niteworks air sreath de chlàran soirbheachail a dhèanamh is air cuirmean a chluich air feadh an t-saoghail.

Air an t-slighe rinn iad ceòl sònraichte do Phàrtaidh Challainn Dhùn Èideann is chluich iad le Orcastra Simphnidh a' BhBC, cho math ri mòran luchd-ciùil cliùiteach eile.

Tha a' Ghàidhlig air a bhith fìor chudromach dhaibh tro na bliadhnaichean is an cànan aig cridhe a' chiùil, is Niteworks cuideachd air a' Ghàidhlig a thoirt gu luchd-èisteachd nach robh cho eòlach air a' chànan, ma bha iad eòlach air idir.

Tha sin soilleir aig cuid de chuirmean gu sònraichte is luchd-amhairc nach robh faisg aig Mòd no a leithid riamh gan call fhèin ann an ceòl Niteworks.

Do Ruairidh, cha robh riamh ceist ann mu chleachdadh na Gàidhlig.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil an ceòl a tha sinn a' dèanamh caran mar sgàthan oirnn uile.

Tùs an deilbh, Niteworks
Fo-thiotal an deilbh,

Niteworks aig a' chuirm mu dheireadh aca aig an Ironworks an Inbhir Nis ann an 2022

"Dh'fhàs an ceathrar againn suas le Gàidhlig, chaidh sinn uile gu GME, bha sinn an sàs anns na fèisean. Bha ceòl traidiseanta agus a' Ghàidhlig mar phàirt den togail againn san eilean agus bha sinn ag iarraidh sin a riochdachadh.

"Tha na freumhan gu pearsanta againn ann an cultar na Gàidhlig gu math cudromach dhuinn, ar fein-aithne, is bha sinn ag iarraidh gum biodh sin air a thoirt seachad sa cheòl a tha sinn a' dèanamh cuideachd".

Tha an fheallsanachd sin air buaidh a thoirt air mòran fad is farsaing.

Am measg na tha air seinn còmhla ri Niteworks tro na bliadhnaichean tha Ceitlin Lilidh bhon chòmhlan Sian.

Tha Sian còmhla ri Niteworks air an àrd-ùrlar a-rithist aig na cuirmean mu dheireadh seo.

Tha cuimhne aig Ceitlin Niteworks a chluinntinn nuair a bha i san sgoil is i ag ràdh ged nach robh e fasanta dhan òigridh aig an àm a bhith ag èisteachd ri ceòl sa Ghàidhlig, gun robh mòran measail air a' chòmhlan.

"Tha iad air buaidh mhòr a thoirt air ceòl na Gàidhlig is air daoine òga a tha a' tighinn troimhe, tha iad air spionnadh a thoirt dha daoine rudan ùra fheuchainn.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Ruairidh Greumach bho Niteworks a' bruidhinn ri Annabel Nic'illinnein. Dealbh le Magnus Greumach.

"Tha sin air leth cudromach don Ghàidhlig agus don chultar.

"Tha e tàmailteach gu bheil iad deiseil a-nise ach aig an aon àm, tha tòrr chòmhlan a' tighinn troimhe is tha iad a' cleachdadh dhaoine mar Niteworks is Runrig mar inspiration is tha sin dìreach iongantach", thuirt i.

Thog Ruairidh fhèin air a' phuing is e a' bruidhinn ris an t-sluagh aig deireadh na cuirm mu dheireadh ann an Inbhir Nis an t-seachdain seo chaidh.

"Bha feadhainn eile ann romhainn, is bidh feadhainn eile ann às ar dèidh", thuirt e.

Tha siud fìor - ach cha bhi Niteworks eile ann - is tha e air a bhith follaiseach bho na cuirmean air a' chuairt seo gu bheil ionndrainn mòr, mòr gu bhith orra.

'S beag an t-iongnadh gu bheil dùil ri oidhche chumhachdach nuair a chluicheas Niteworks 'son an turas mu dheireadh ann an Glaschu Disathairne.

"Am fear mu dheireadh mu dheireadh, bidh e gu math doirbh na deòir a chumail air ais", dh'aidich Ruairidh.

An dà chuid air an àrd-ùrlar agus am measg an t-sluaigh.