Sia griotairean ùra don Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle na Gàidhealtachd air cha mhòr £1m a chosg air sia griotairean rathaid ùra airson a' Gheamhraidh.
Thèid iad an àite cuid den t-seann uidheamachd a th' aca a th' air tighinn gu deireadh am beatha, 's tha iad ag ràdh gum bu chòir seirbheis nas cinntiche a bhith ann do choimhearsnachdan.
Tha na sia griotairean ùra air an uidheamachadh leis an teicneòlas as ùire aig an ìre as àirde.
Thèid dhà dhuibh a stèidheachadh anns an Eilean Sgitheanach, dhà ann am Bàideanach agus Srath Spè agus aon an urra do dh'Inbhir Nis agus dhan Ghearasdan.
Tha iad air feadhainn Inbhir Nis 's an Eilein Sgitheanaich fhaighinn mar thà, 's tha iad a' feitheamh ris na trì eile.
Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil teicneòlas adhartach nan innealan ùra a' ciallachadh gum bi iad air leth èifeachdach, 's gun cùm iad na rathaidean glan cho math 's a leigeas am buidseat a th' aca leotha.
Tha e na chleachdadh spòrsail aig companaidhean saillidh agus cuid de chomhairlean a bhith a' toirt ainm air na griotairean aca.
Ach thuirt neach-labhairt bho Chomhairle na Gàidhealtachd nach eil plana sam bith acasan na griotairean ùra ainmeachadh.