Cùis-mhuirt Shlèite: 'Cha robh bacadh air'

An Àrd-Chùirt, Dùn ÈideannTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chuala an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann nach robh trioblaidean slàinte-inntinn air bacadh mòr sam bith a chur air Sgitheanach a tha fo chasaid muirt agus oidhirpean air murt smachd a chumail air an dol a-mach aige.

Bha beachd ann gun robh mì-rian òtasm, mì-rian pearsantachd, agus gun robh iomagain air Fionnlagh Dòmhnallach aig an àm a thathas a' fàgail air gun do mhuirt e John MacFhionghain agus gun do dh'fheuch e ri triùir eile a mhurt.

Tha Mgr Dòmhnallach, 41, a' dol às àicheadh nan casaidean uile a tha mu choinneimh an dèidh sreath ionnsaighean sgeine agus gunna san Eilean Sgitheanach agus air tìr-mòr air an 10mh là den Lùnastal 2022.

Chuir Mgr Dòmhnallach, a tha a' nochdadh aig an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann, tagradh sònraichte a-steach mu choinneimh na casaid gun do mhuirt e a bhràthair-cèile John MacFhionghain, ag ràdh gun robh claonadh inntinn air aig an àm.

Dh'fhaighnich an t-Advocate Depute Liam Ewing KC de shaic-eòlaiche foireansach, Lorraine Johnstone, an robh na trioblaidean agus suidheachaidhean a th' air Mgr Dòmhnallach san fharsainneachd air bacadh mòr sam bith a chur air a chomas smachd a chumail air an dol a-mach aige.

Fhreagair i: "Cha chreid mi gun do chuir."

"Saoilidh mi, san fharsainneachd, gu bheil gnothach aig an òtasm ris na thachair, ach chan ann chun na h-ìre gum mìnicheadh e an dol a-mach aige."

Thathas a' fàgail air Mgr Dòmhnallach gun do dh'fheuch e ri a bhean Rowena Dhòmhnallach, 34, a mhurt san dachaigh aca ann an Tarsgabhaig, agus gun do mhuirt e John MacFhionghain, 47, anns an Teanga, Slèite.

Thathas cuideachd a' fàgail air gun do dh'fheuch e ri John Don MacCoinnich agus a' bhean aige Fay, 65, a mhurt anns an Dòrnaidh air tìr-mòr.

Thuirt Ms Johnstone gun robh Mgr Dòmhnallach air a ràdh gun robh fios aige gun do rinn e ceàrr nuair a thug e ionnsaigh air a bhean agus nach fhaiceadh e fuasgladh dha fhèin.

Tùs an deilbh, FACEBOOK
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh John MacFhionghain a mhurt ann an Slèite air an 10mh là den Lùnastal 2022

Chuala a' chùirt an dèidh sin gun robh naoi lotan sgeine air a' Bh-Ph. Dhòmhnallach ma broilleach agus a grùthan a bha a chùm cunnart a beatha.

Bha i mu mhìos san ospadal ann an Glaschu.

Chaidh innse do bhuill an diùraidh ann am fianais aontaichte gun robh trì lotan gunna-froise ann am broilleach, meadhan agus sliasaid Mhgr MhicFhionghain.

B' e lot gunna-froise sa bhroilleach a thug bàs dha.

Chaidh Mgr MacCoinnich, a bha roimhe ag obair mar lìghiche-chnàmhan, a sgèith a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis ann an ambaileans adhair.

Bha e ann an staid chritigeach agus b' fheudar dha a dhol fo lannsa.

Chuala a' chùirt gun deach fhaighinn gun robh tè de dhubhagan Mhgr MhicCoinnich air a sèideadh air falbh. Chaidh e fo lannsa dà thuras eile.

Bha grunn lotan beaga bho ghunna-froise air a' Bh-Ph. NicCoinnich, am measg lotan eile.

Tha a' chùis, mu choinneimh na Bana-Mhorair Dhruiminnich, a' leantainn.