Naidheachdan 11:00m

Fo-thiotal a’ bhidio,

Naidheachdan 11:00m

  • Air fhoillseachadh

Cosnadh

Gheall Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gun geàrr iad cosgais nan sochairean le barrachd dhaoine a chur gu cosnadh. Thuirt ministearan gum bi sgeama ann do dh'òigridh eadar 18 agus 21 a chur gu obair, foghlam no trèanadh, agus gum bi tuilleadh airgid ann do sheirbheisean slàinte-inntinn.

Dòmhnall Trump

Thug Sìona rabhadh do Dhòmhnall Trump nach bi buannachd sam bith ann an cogadh malairt ùr an dèidh do Mhgr Trump a bhith ag ràdh gun cuireadh esan cìsean ùra air stuth à Sìona, Meagsago agus Canada air a' chiad là san Taigh Gheal anns an Fhaoilleach. Thuirt Mgr Trump gun dèan e sin mar dhòigh air smachd a chur air cùiltearachd dhrugaichean agus inimreachas mì-laghail.

Lebanon

Thuirt an Taigh Geal gu bheil oidhirp mhòr ann airson sìthe eadar Iosrael agus Hezbollah san Lebanon. Tha caibineat tèarainteachd Iosrael a' coinneachadh an-diugh a dheasbad nam molaidhean.

An Ucràin

Thuirt an Ucràin gun do loisg an Ruis 188 urchair dròna orra an-raoir. Sin an àireamh as motha bho chionn còrr is dà bhliadhna gu leth. Thuirt Feachd Adhair na h-Ucràin gun do loisg iad faisg air leth dhiubh sin gu làr, ach gun do bhuail feadhainn ann am bun-structar cudromach.

An Èipheit

Thuirt na h-ùghdarrasan anns an Èipheit gun tug sgioba teasairginn trì chuirp à iachta luchd-turais a chaidh fodha sa Mhuir Ruaidh an-dè. Tha e coltach gu bheil dithis à Breatainn am measg na bha a dhìth. Thuirt Riaghladair na sgìre gu bheil 13 duine a dhìth fhathast.

Prìosanaich

Bidh bhòt ann am Pàrlamaid na h-Alba feasgar air bile a bheireadh saorsa thràth do chuid de phrìosanaich. Tha a' Bhile a' moladh gum faigh feadhainn air an deach binn ghoirid a-mach às a' phrìosan an dèidh nas lugha na leth na h-ùine a chaidh a chur romhpa. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gum feum an reachdas a dhol troimhe airson dèiligeadh ri èiginn le prìosain a tha ro làn.

An A82

Dh'iarr luchd-iomairt air Riaghaltas na h-Alba cur às don phlana airson leasachaidh mhòir air rathad an A82 ri taobh Loch Laomainn eadar an Tairbeart agus Inbhir Àrnain. Tha iad ag ràdh gun dèanadh am pròiseact, a chosgadh £150m, milleadh air an àrainneachd agus nach dèanadh e feum sam bith do mhuinntir na sgìre. Thuirt Còmhdhail Alba gur aithne dhaibh gu bheil beachdan làidir ann mun sgeama, ach gum biodh glèidheadh na h-àrainneachd agus coltas an àite aig meadhan na h-obrach.