Beachdan gan sireadh air plana gus lùghdachadh a thoirt air teintean monaidh am Pàirc Nàiseanta

Teine mòintich
  • Air fhoillseachadh

Tha Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh a' sireadh bheachdan mhanaidsearan oighreachd mu phlana ùr a tha ag amas air lùghdachadh a thoirt air teintean-monaidh.

A bharrachd air teintean a sheachnadh, thathas cuideachd airson agus gum bi barrachd dhaoine ullaichte gus dèiligeadh ri teine sam bith a thòiseachas.

Bithear a' cluinntinn gu tric mu theintean-monaidhean ann an diofar àiteachan air feadh Alba.

Agus bho àm gu àm, gu h-àraid tro mhìosan an earraich agus as t-samhradh, bidh a leithid a' tachairt ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.

Chaidh beachdan a' phobaill a shireadh an-uiridh air am bu chòir casg ràitheil a chur air lasadh theintean taobh a-staigh Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.

Thuirt Ceannard Stiùireadh Talmhainn, Cailean MacIlleathain, nach eil teagamh sam bith ann, a rèir dàta mun aimsir, gu bheil e a' sìor fhàsa nas cumanta gum bi treisean fada tioram ann,

"Bidh sin a' tachairt gu math tric as t-earrach nuair a tha na h-ìrean de dh'uisge ann am planntrais gu math ìosal, tha iad air faighinn tron gheamhradh, chan eil iad air tòiseachadh a' fàs aig an àm sin.

"Agus sin far a bheil an cunnart bho theintean aig an ìre as àirde, agus bidh sin a' tuiteam aig an aon àm far am faodadh an àireamh de luchd-tadhail a bhith gu math àrd," thuirt Mgr MacIlleathain.

Cailean MacIlleathain
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Cailean MacIlleathain na cheannard air Stiùireadh Talmhainn aig Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh

A-nis, thathar a' sireadh bheachdan bho mhanaidsearan oighreachd air plana a chaidh a dhealbhachadh gus dèiligeadh leis na th' ann de theintean.

Thuirt Ùghdarras na Pàirce gun robh iad airson togail air a' bhun-stèidh fìor mhath a th' aca ann am Beanntan a' Mhonaidh Ruaidh.

Tha iad ag ràdh gu bheil tòrr dhaoine ann mar-thà a tha ag obair air na h-oighreachdan aig a bheil sàr-sgilean agus aig a bheil deagh uidheamachd airson dèiligeadh le teintean.

Thuirt iad gu bheil tòrr rudan anns a' chumantas aig daoine air feadh na sgìre agus gu bheil daoine ag aithneachadh gu bheil cunnart ann agus gum feum iad obrachadh còmhla.

Tha dùil gun ruith co-chomhairle air a' phlana fad sia seachdainean agus gun dèan Bòrd Ùghdarrais na Pàirce co-dhùnadh sam bith nuair a choinneachas iad san Ògmhios.

Ma thèid gabhail ris, bhiodh cumhachdan a bharrachd an sàs anns a' phàirc gus dèiligeadh le teintean monaidh bho thoiseach a' Ghiblein gu deireadh na Sultaine gach bliadhna.